Episode details

Available for 9 days
Tha teine-dè air fàs nas bitheanta ann am boireannaich eadar aois 30 gu na 50an. Dè as coireach? Tha Cathy annan còmhradh ri dotair agus ri te air an tà inig e aig aois 40. Tha 90 bliadhna ga chomharrachadh air an t-samhradh seo, bhon rugadh te a thug buaidh mhòr air ar rìoghachd. ' S ise Margaret Calvert a' dhealbhaich soidhnichean rathaid Bhreatann. Tha Anna NicLeòid a' toirt sùil air a beatha gu ruige seo. Agus 's i Anna Mhoireach, cèiliche na seachdain. Rugadh Anna an Glaschu ach thill an teaghlach gu Col ann a Leòdhas nuair a bha i na nighean òg. Tha i aithnichte mar phìobaire, mar sheinneadair agus mar chleasaiche. Bho chionn ghoirid, choisinn Anna urram agus à ite ann an Talla Cliù Ceòl Tradiseanta na h-Alba.
Programme Website