Episode details

Radio nan GÃ idheal,01 Feb 2015,30 mins
An t-Oll. Urr I A MacLeòid, Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain,1996
Dèanamaid AdhradhAvailable for 27 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas: Salm 139: 1-3 air fonn Walsall agus 's e Iain Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann. Salm 68: 18-20 air fonn St David agus 's e Domhnall MacLeoid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. Leughadh: Eòin 1: 19-39 Ceann-teagaisg: Eòin 1: 9 Rugadh an t-Oll Urr Iain Aonghas MacLeòid anns na Còig Peighinnean ann an Nis an Eilean Leòdhais ann an 1956. Mas deach Mgr MacLeòid a-staigh airson na ministrealachd bha e ag obair roimhe sin na einnseanair aig BT airson grunn bhliadhnaichean. Air an t-slighe chun na ministrealachd thill e air ais gu foghlam aig à rd-ìre agus cheumnaich e à Oilthigh Obar Dheathain le ceum ann an Diadhachd agus Cà nain a' Bhìobaill. Chaidh e an uairsin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Nuair a bha e deiseil anns a' Cholaiste chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige aig Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain. Bha Mgr MacLeòid na Iar Cheannard air Seamanaraidh Dhiadhaireachd Dhùn Èideann, far an robh e a' teagasg Greugais agus an Tiomnadh Nuadh dha na h-oileanaich gu 2022. Tha Mgr Macleòid pòsta aig Ealasaid agus tha sianar a theaghlach aca. Is caomh leis a bhith a' cur seachad ùine còmhla ri a theaghlach, ach a thuilleadh air an sin, an lùib na cur-seachdan aige tha coiseachd, ag obair anns a' ghà rradh agus a' rannsachadh teicneolais ùr.
Programme Website