24mh Giblean 2008 2:46f, Doneil
Tha mi air a bhith aig an dotair an t-seachdain seo. Chaidh mi
ann a dh' fhaighinn a’ bhanachdach an aghaidh an tinneas Rabies. Tha
mi air feadhainn eile fhaighinn ron seo: tetanus, hepatitis A, fiabhras typhoid,
rudan mar sin. Chan eil mi air a h-uile cà il a tha air a mholadh fhaighinn.
Cha d'fhuair mi cà il an aghaidh Hepatitis B mar eisimpleir. 'S e an
t-adhbhar airson sin gu bheil à m sònraichte ann eadar a’
chiad bhanachdach agus an dara fear son cuid de thinneasan. Chan eil gu leòr
tìde agam son sin.
Ach tha mi air comhairle fhaighinn mu dè
an dòigh as fheà rr air mi fhìn a dhìon. Feumaidh
mi mo bhriogais a stopadh am broinn mo stocainnean gus nach tèid mo
bhìdeadh le gartain, agus cuideachd mi fhìn a chòmhdachadh
le stuth a bhios a’ cur an teicheadh air cuileagan. Agus thuirt iad
nach bu chòir dhomh snà mh ann an glupanan no seilcheagan aibhne
ithe, ach cha robh mi an dùil sin a dhèanamh co dhiù!
Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.