Tuilleadh geàrr-chunntais air gnìomhan a' Chomhairle Luchd-amais

Tachartasan eile

Bha buill aig tachartasan air cuspairean farsaing craolaidh, rinn iad sgrùdadh air na beachdan a sgrìobh luchd-amais gun BhBC, agus bheachdaich iad air rannsachadh mu choileanadh a’ BhBC ann an Alba. An dèidh a choinneamhan bidh a’ Chomhairle a’ comhairleachadh an Urrais mu cheistean a tha a’ cur uallach air luchd pàigheadh chìsean ann an Alba. San t-Samhain, bha a’ Chomhairle mothachail mu cho làidir ‘s a bha beachdan an luchd-amais nach robh air 22 Dàmhair, air an robh ceannard BNP, air a bhith cho cothromach ‘s a bha iad an dùil bu chòir dha a bhith. San Fhaoilleach, chomharraich buill uallaichean mu bhith a’ cur sgeulachdan a bh’ air nochdadh ann am prògraman eile a’ BhBC sna naidheachdan, ‘s a’ ceasnachadh an robh na sgeulachdan an-còmhnaidh airidh air sin. An dèidh dha clàr-ama ath-sgrùdadh Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ ALBA a leudachadh a-mach gun Ghiblean, chomharraich buill gun robh e fhathast deatamach gum biodh Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ ALBA ri fhaighinn air DTT, is nam beachd-san na àrd phrìomhachas airson rùintean poblach a’ BhBC a lìbhrigeadh ann an Alba.

Chuir a’ Chomhairle fàilte air dà iomairt chudromach bhon Àrd Chomhairle mar fhreagairt do uallaichean an luchd-amais a bha an t-Urras air a thogail leis an Stiùiriche-Coitcheann: planaichean airson rannsachadh mu sholarachd naidheachdan ann an Alba, agus moladh airson na beàrnan ann an ruigsinneachd ¸éè¾±»å¾±´Ç Alba air an A9 a lìonadh. Chuir buill fàilte cuideachd air a’ cho-dhùnadh goireasan ionnsachaidh Gàidhlig bho Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Jam a shaoradh airson ath-chleachdadh.

Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.