Main content

Siostam ùr siubhail, traidhfeal agus toradh dheuchainnean

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.

Tha mòran air a bhith a' siubhal thall-thairis anns na seachdainnean a dh'fhalbh, agus siostam ùr siubhail an EU a' toirt buaidh orra. Chaidh a chur air bhog as t-Earrach, ach 's ann an-dràsta le uidhear de dhaoine a' siubhal a-mach agus a-steach as an EU, a thathas a' faicinn an dàil a tha e ag adhbharachadh. Tha Maureen Nicleòid, a bhios a' siubhal thall thairis gu tric, a' mìneachadh do dh'Emma dè dìreach a th'anns an t-siostam ùr seo.

Thig toradh nan deuchainnean gu mòran òigridh ann an Alba an-diugh. Gar bi a bheil iad nan toilcheas neo nam briseadh dùil dhaibh, thèid comhairle a thoirt seachad air na cothroman a tha fhathast air thoiseach orra. Tha dithis ag innse mun cùrsaichean beatha, agus na diofar shlighean a ghabh iad bhon a' cheum neo a' cheàrd a rinn iad sa chiad àite.

Agus cò againn nach eil dèidheil air rudeigin milis as dèidh ar dìnnear? A-rèir choltais tha an traidhfeal, a bhiodh air cha mhòr a h-uile bòrd-dìnneir gach seachdain anns na seachdadan, air ais san fhasain, agus e a' nochdadh a-rithist air clàran-bìdhe taighean-bìdh gu math spaideil. Tha Abigail NicÌomhair san stiùido 's i air traidhfeal ullachadh. Gheibh Emma cothrom blasadh air agus cluinntinn bho Abigail air na diofar thionndaidhean as urrainn a thoirt air an traidhfeal.

29 days left to listen

1 hour, 27 minutes

Last on

Yesterday 12:00

Music Played

  • Teddy Swims

    Lose Control

    • Lose Control.
    • Warner Records.
  • The 1975

    Settle Down

    • The 1975.
    • Dirty Hit.
    • 009.
  • Wiz Khalifa

    See You Again (feat. Charlie Puth)

    • Atlantic.
  • The Tumbling Souls

    Hello God

    • Single.
    • 1.

Broadcast

  • Yesterday 12:00