Main content

Colbhan bho phàipearan naidheachd an deireadh sheachdain

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Gach Diluain bidh dithis a' gabhail sgrìob tro cholbhan beachd nam pàipearan naidheachd bhon deireadh sheachdain. 'S iad Iain MacDiarmid agus Calum Steele a tha an cuideachd Cathy NicDhòmhnaill air a' mhadainn sa - saoil dè ghlac an aire fhèin?

Thèid sgeulachd mu theaghlach a chaidh am fuadach as an t-Eilean Sgitheanach ann an 1875, innse aig Fèis Dhùn Èideann am bliadhna. Tha Anna Mhàrtainn ag innse mu mar a fhuair i lorg air sgeulachd an teaghlaich agus mar a chuir i an cuirm, air a bheil An Tinne mar ainm, an cèill son an àrd-ùrlar.

Agus cluinnidh sinn an tuilleadh chòmhraidhean a thàinig à Rannsachadh na Gàidhlig 2026 ann an Oilthigh Ghlaschu air an t-samhradh sa - is Coinneach Mac a' Ghobhainn ann an còmhradh leis an Dr Natasha Sumner bho Oilthigh Harvard mu sgeulachdan na Fèinne; agus le sgioba bho Oilthigh Dhun Èideann a tha a' rannsachadh buaidh dà-chànanachas air mar a tha daoine ag adhradh.

28 days left to listen

57 minutes

Last on

Monday 22:55

Broadcasts

  • Monday 09:00
  • Monday 22:55