Teintean na Frainge agus à m an Iuthair
Tha Cathy NicDhòmhnaill sa chathair le iomadh còmhradh mun aimsir agus an t-samhradh. Cathy MacDonald presents discussions related to the weather and how we deal with summer heat.
'S e cùis-uabhais air a leth a th' air a bhith ann an teintean mòra air feadh na Roinn Eòrpa am-bliadhna, ach tha na naidheachdan às a' Fhraing air uabhas nas motha buileach a chuir air daoine - le teine 9 mìle bho bhaile mòr Bordeaux. Tha Patsi NicChoinnich anns a' Fhraing agus a' mìneachadh mar a tha na ceudan mhìltean air an dachannan fhà gail; agus tha an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais a' mìneachadh mar a tha a' chùis a' toirt buaidh fiù 's air aimsir is iarmailt na dùthcha.
Cuideachd sa phrògram, bidh sinn a' faighinn cothrom èisteachd a-rithist ris an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mun à m sa dhen bhliadhna: an t-Iuthar, neo na "dog days" mar a chanas iad riutha sa Bheurla. Agus bidh cuimhne air là ithean mus d' thà inig fuaradairean cuideachd gus bainne a ghlèidheadh sna dearbh là ithean sa le ath-chraoladh de chòmhradh eadar Marisa NicDhòmhnaill, Seonag NicAnndrais, is Tormod MacLeòid.
Sin agus cuimhneachain air na là ithean saora a b' fheà rr a chòrd ri Ricky Hannaway - turas a-null thairis gu Thailand.
Last on
Broadcasts
- Last Tuesday 09:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal
- Last Tuesday 22:55Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal