Àrdachadh peinnsean do sheana-phà rantan, Lear am Baile Chloichridh, agus 's e Alasdair MacEachainn cèiliche na seachdain.
'S iomadh cuspair a th' aig Cathy NicDhòmhnaill dhuinn eadar cèiliche agus cìsean. Cathy MacDonald's guest this Wednesday on Naoi gu Deich is Alasdair MacEachen.
Cha bheag na h-uallaichean a th' air seana-phà rantan tro na là ithean-saora. Ach chan eil fhios aig a h-uile duine gu bheil buaidh aig cùram-oghaichean air cuid a chreideasan peinnsein. Tha an t-eòlaiche ionmhais Dòmhnall Mà rtainn ga mhìneachadh dha Cathy NicDhòmhnaill.
Cluinnidh sinn cuideachd mu bheachd Wilma NicUalraig air Lear, taisbeanadh den dealbh-chluich King Lear aig Uilleam Shakespeare a tha ri fhaicinn air an à rd-ùrlar ann am Baile Chloichridh sna seachdainean ri teachd.
Agus bidh mòran den luchd-èisteachd eòlach air guth is obair Alasdair MhicEachainn, cèiliche na seachdain sa. 'S iomadh rud ris a bheil Alasdair air cur thar nam bliadhna; is e air leth eòlach air eileanan na Gà idhealtachd agus eileanan nas fhaide thall, bho Tristan de Cunha gu Hiort. Ach dè tha ga bhrosnachadh gu bhith ri obair rannsachaidh is cuairtean siubhail fad is farsaing? Sin dìreach blasad de na seòrsa ceistean a th' aig Cathy NicDhòmhnaill dha Alasdair air Naoi gu Deich an-diugh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 8 Jul 2026 09:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal
- Wed 8 Jul 2026 22:55Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal