Bùth Leabhraichean Leakey, is còmhradh le Emily NicEòghain
'S i Emily NicEòghain an cèiliche a th' aig Cathy NicDhòmhnaill air a' mhadainn sa. Cathy MacDonald's guest this Wednesday morning is publisher and writer Emily McEwan.
Cha bheag na tha de leabhraichean aig Bùth Leakey ann an Inbhir Nis - na deichean mhìltean mòra dhiubh. 'S e fear de na bùthan seann leabhraichean as motha an Alba; agus chuir Coinneach Mac a' Ghobhainn dùbhlan ro thriùir leabhar a lorg ann an leth-uair sa bhùth. Saoil dè thagh Dòmhnall Moireasdan, Mà iri Rhind, agus Seonaidh Charity? Agus saoil dè ghlac sùil Choinnich fhèin?
Tha cèiliche na seachdain gu math eòlach air leabhraichean cuideachd. Tha Emily NicEòghain air obair ùr a thòiseachadh anns na Hearadh o chionn ghoirid, is i na h-oifigear Gà idhlig aig Hebrides People - Cò Leis Thu? Thogadh i ann an Chicago, is tha i air grunnan bhliadhnaichean a chuir seachad ag obair ann am foillseachadh Gà idhlig an Albainn Nuadh... ach dè tharraing i chun a' chà nan sa chiad à ite? Cluinnidh sinn freagairt air a' cheist sin, agus iomadach ceist eile, 's i na cèiliche aig Cathy NicDhòmhnaill air a' mhadainn sa.
Last on
Broadcasts
- Wed 10 Jun 2026 09:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Jun 2026 22:50Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal