Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Glaschu

Seirbheis còmhla ris an Urr C Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte, Glaschu. Service conducted by Reverend Kenneth Stewart of the Reformed Presbyterian Church, Glasgow.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 90: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Iain MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 90: 15-16 air fonn London New agus 's e Iain MacDhuinlèibhe a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Cille-Mhoire san Eilean Sgiathanach .

Leughadh: Salm 90
Ceann-teagaisg : Salm 90

Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann an Bun-Sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.

30 minutes

Last on

Sun 21 Aug 2016 15:00

An t-Urr Coinneach Stiùbhart

An t-Urr Coinneach Stiùbhart

Broadcasts

  • Sun 28 Feb 2016 09:00
  • Sun 28 Feb 2016 15:00
  • Sun 21 Aug 2016 09:00
  • Sun 21 Aug 2016 15:00