Episode 5
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
An t-seachdainsa tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Anke Beate-Stahl agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne a' mìneachadh puingean gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week he chats to Gaelic learner Anke Beate-Stahl. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and ĢƵ archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 5
Duration: 55:26
-
Tar-sgrìobhadh: Geur-chainnt
Duration: 01:15
-
Tar-sgrìobhadh: Eadar dà Shaoghal
Duration: 01:36
-
Tar-sgrìobhadh: Cluas ri Claisneachd
Duration: 03:08
Tar-sgrìobhadh: Cluas ri Claisneachd: Ailean Peutan
Agus bha bàtaichean-iasgaich a’ tighinn a-staigh, iasgairean a’ tighinn a-staigh le giomaich agus bradan agus sgadan, agus a h-uile seòrsa iasg a b’ urrainn duine ainmeachadh.
Tha cuimhne agams’ air tràlair a’ tighinn a-staigh cuideachd le iasg, agus gheibheadh sibh trosg mòr airson tastan aig an àm a bha sin. Agus ’s iomadh trosg a fhuair sinn ceart gu leòr.
Agus bhiodh sinn fhèin a’ dol a-mach ag iasgach feasgaran samhraidh. Tha sgeirean beag a-null nas fhaisge ri Àird nam Murchan, agus bhiodh sinn ag iasgach an sin. Agus bha e sònraichte math airson iasgach. Rionnach agus a h-uile seòrsa iasg a ghabhadh bruidhinn air, bha sinn a’ faighinn an sin.
Agus, an oidhche as fheàrr a bh’ agam riamh, bha sinn ag obair shuas a’ saorsainneachd air taigh beag ceann shuas Loch Suaineart. Agus thàinig an 'ghillie' aig an uachdaran far an robh sinn an oidhche seo agus thuirt e, "A bheil sibh a’ tighinn a dh’iasgach? Am bu mhath leibh a’ tighinn a dh’iasgach?"
“Oh, bu ghasta leinn a’ dol a dh’iasgach.”
Agus, dh’fhalbh feadhainn againn a dh’iasgach. Agus, bha an uachdaran e fhèin a-staigh sa bhàta cuideachd, is mhothaich mise gun robh an 'ghillie' aige a’ cur pìos de phlaideachan mun cuairt air na ràimh, agus blades nan ràimh. Agus thuirt mi ris, “A Dhòmhnaill, chan fhaca mi duine a’ dèanamh sin riamh. Carson a tha sin?”
Bha airson ’s nach cluinneadh duine sam bith na ràimh anns an uisge. Agus dh’fhalbh sinn, chaidh sinne suas, agus thog an uachdaran a-mach fìdeag, agus shèid e an fhìdeag.
Oh...chì sibh, chunnaic sibh, bha iad a’ falbh cho luath ’s a ghabhadh i. Mhothaich esan bàta, chunnaic e neo chuala e bàta eile ag iomradh agus shèid e an fhìdeag airson ’s gun teicheadh iadsan is nach fhaiceadh iad esan ged a bha an t-iasg aige air a “lettadh” bha e airson oidhche a thoirt dhuinn agus ’s e duine uasal gasta a bh’ ann. Newton Rahoy, ’s e duine gasta, Commander Newton.
Tar-sgrìobhadh: Eadar Dà Shaoghal: Dòmhnall MacLeòid
Bha e beagan às dèidh tràth-diathad. Bha mo mhàthair a’ càradh stocainnean is Antaidh Chris a’ fighe. Antaidh Cairistiona le dealgan. Mo sheanmhair anns an rùm a-staigh, is m’ athair còmhla rithe anns an t-sèithear mhòr a’ leughadh pàipearan Dhisathairn'. Bhathar air ruighinn Dimàirt.
Chuala sinn ceum air an staran, is chuala sinn guth Dhànaidh Chamshron.
“Hello”, ars esan, “parcel for you”, is thàinig e a-steach is chuir e am parsail air a’ bhòrd.
’S ann bho tìr-mòr Alba a bha Dànaidh Camshron is gun Ghàidhlig aige. Bha e a’ fuireach ann an taigh a’ phuist ann am Breàcleit. Mura b’ e postair a bh'air a bhith ann, bhiodh e air fear-naidheachd math a dhèanamh. Bha e math air naidheachdan a' sgaoileadh.
Chaidh mo mhàthair chun an dreasair, is thug i sporan dubh às, is chunnt i an airgead ann an làmh Dànaidh Camshron.
“Uill, ’s e JD”, arsa mo mhàthair, “cha robh dùil agamsa gun tigeadh seo gu an t-seachdain ’s a’ tighinn. Tha Oxendales math air seacaidean beag, ach chan eil duine cho math air brògan ri JD”.
Stiall i am pàipear bhon a’ pharsail, is thug i dhòmhsa am bucas. Thug mi mullach dheth, agus ann a shin, bha dà Lorne ghleansach dhubh. Bha iad cho grinn ri dà ornament a chuireadh tu air a’ mhantelpiece.
Ach bha làn fhios agamsa carson a bha na Lornes. Bha mise a’ dol dhan sgoil.
Tar-sgrìobhadh: Geur-chainnt: Alasdair MacLeòid
Agus, “Uill”, ars esan, “Ciamar a tha thu a’ faireachdadh?”
“Oh, chan eil mi gu dona idir”, ars esan.
“Oh”, ars esan, “a bheil thu”, ars esan, “airson an naidheachd mhath neo an droch naidheachd a chluinntinn an toiseach?"
“Oh”, ars esan, “thoir dhomh”, ars esan, “an droch naidheachd an toiseach”.
Agus, “Oh uill” ars esan, “’S e an droch naidheachd”, ars esan, “gum b'fheudar dhuinn an dà chas a thoirt dhìot fon a’ ghlùin.”
“Oh...”, ars esan, “oh ma tha sin mar sin”, ars esan, “feumaidh mi a bhith leis”, ars esan. “Dè nise”, ars esan, “an naidheachd mhath a th’ agad dhomh”, ars esan.
“Uill”, ars esan, “fear anns an leabaidh ri do thaobh”, ars esan, “tha e an dèidh offer uabhasach math a thoirt dhuinn air na slippers agad!”
Oisean a’ Ghràmair 5: GETTING (passive action)
Faic Prògram 4, puing 3.
Chaidh an uinneag a bhriseadh. ‘The window got broken’
Chaidh an cù a bhualadh le càr. ‘The dog got hit by a car’
ճè am prògram a chraoladh a-rithist. ‘The programme will get repeated.’
Chaidh mòran a ràdh ma dheidhinn aig an àm. ‘Much was said about it at the time.’
Ach cha deach càil a dhèanamh. ‘But nothing got done.’
ճè an taigh a reic. ‘The house will get sold.’
ճè Dòmhnall a thoirt dhan ospadal feasgar.‘Donald will get taken to hospital this afternoon.’
Airson ҵ got taken / You got taken / He got taken / She got taken’, etc., cleachdaidh sinn:
mo ‘my’ do ‘your’ a ‘his/ her’
‘oܰ’ ur ‘your’ (plural) an ‘t’
(Faicibh Sreath 1, Prògram 1.)
Chaidh mo thoirt dhan ospadal. ҵ was taken to hospital.’
Chaidh do thoirt…ĘYou were taken…’
Chaidh a thoirt… ‘H was taken…’
Chaidh a toirt… ‘S was taken…’
Chaidh ar toirt… ‘W were taken…’
Chaidh ur toirt… ‘Ydz (pl.) were taken…’
Chaidh an toirt… ‘They were taken…’
Chaidh m’ ڳà aig an stèisean. ҵ was left (dropped off) at the station.’
Chaidh d’ ڳà … ‘Ydz were left…’
Chaidh ڳà … ‘He was left…’
Chaidh a fàgail … ‘S was left…’
Chaidh ar fàgail … ‘W were left…’
Chaidh ur fàgail … ‘Ydz (pl.) were left…’
Chaidh am fàgail …‘They were left…’
ҵ got hit by a car.’
Chaidh mo bhualadh le càr. (mo bhualadh: ‘my hitting’)
‘D you get taken to hospital?’
An deach do thoirt dhan ospadal? (do thoirt: ‘your taking’)
‘’l get seen as soon as possible.’
ճè fhaicinn cho luath ’s a ghabhas. ([a] fhaicinn: ‘his seeing’)
’l get seen as soon as possible.
ճè a faicinn cho luath ’s a ghabhas. (a faicinn: ‘her seeing’)
‘W were saved by the bell’
Chaidh ar sàbhaladh leis a’ chlag. (ar sàbhaladh: ‘our saving’)
‘You’ll (all) get sent to the main office.’
ճè ur cur dhan oifis mhòir. (ur cur: ‘your sending’)
‘They will all get named on the award.’
ճè an ainmeachadh uile air an duais. (an ainmeachadh: ‘their naming’)
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 19 Apr 2015 21:31ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Apr 2015 12:03ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Apr 2015 22:00ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Apr 2015 10:30ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Sun 2 Aug 2015 21:30ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Wed 5 Aug 2015 12:00ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Wed 5 Aug 2015 22:00ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Aug 2015 10:30ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Sun 31 Jan 2021 21:30ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Feb 2021 12:00ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Feb 2021 22:00ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Feb 2021 10:30ĢƵ Radio nan Gàidheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.