Mgr Dòmhnall MacLeòid le seirbheis mun mhuir
Seirbheis shònraichte mun mhuir còmhla ri Mgr Dòmhnall MacLeòid bho Òrdan na White Fathers. A special sea service conducted by Father Donald MacLeod, Order of the White Fathers.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sinn na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Tha Laoidh an Iasgair air a sheinn le Kathleen NicAonghais agus tha Còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhà gh a Tuath ann am Barraigh a' seinn na laoidhean Mise Dia nan Muir 's nan Speur agus Thighearna, Thà inig Thu Chun na Linne. Tha an laoidh Mìorbhail Grà is air a sheinn le Mairi NicAonghais.
Leughaidhean:
Eòin 21: 1-14 agus Mata 14: 22-33 agus a' leughadh tha Anna Nic na Ceardaich.
Lùcas 5: 1-11 agus Lùcas 8: 22-25 agus a' leughadh tha Angela NicFhionghuin.
Rugadh Mgr Dòmhnall ann an Glaschu ann an 1946 do dh'Annag agus Ruairidh MacLeòid. 'S ann à Barraigh a bha a mhà thair, Annag Bheag Nèill Eubail à Bogach, agus 's ann à Èirisgeigh a bha athair, Ruairidh Beag Aonghais Iain Aonghais às a' Choilleag. Bha sianar anns an teaghlach - dithis nighean agus ceathrar bhalach. Bha an teaghlach a' frithealadh Paraiste Eaglais Moire agus Naomh Mairead ann an sgìre Kinning Park ann an Glaschu. Chaidh Mgr Dòmhnall gu Àrd-sgoil Naomh Gerard ann am Baile Ghobhainn. Na òige dh'ionnsaich e pìobaireachd agus bha e a' faighinn teagasg bho Jimmy Reid, brà thair Maidsear na Pìoba Raibeart Reid, agus bha e cuideachd na bhall de Chòmhlan Pìoba Naomh Prainnseas ann an sgìre na Gorbals.
Ann an 1963 chuir e iarratas gu Sgìr-Easbaig Earra Ghà idheil 's nan Eilean agus gu Àrd Sgìr-easbaig Ghlaschu airson ionnsachadh a bhith na shagart ach cha deach cùisean leis. An ath bhliadhna chuir e iarrtas gu Òrdan na White Fathers ann an Southampton agus bha e soirbheachail dhan turas sin. Thairis air an ath dheich bliadhna bha e a' frithealadh cholaistean eadar Èirinn agus an Fhraing ag ionnsachadh na sagartachd. Gu mi-fhortanach bhà saich a mhà thair aithghearr ann an 1973, trì bliadhna mus tà inig e a-mach na shagart san Iuchar 1976.
Thairis air bliadhnaichean a shagartachd, tha e air a bhith ùine ghoirid a' frithealadh pharaistean ann an Sgìr-easbaig Earra-Ghà idheal 's nan Eilean, ach tha e air a' chuid as motha dha ùine a chuir seachad ann an à iteachan leithid Tanzania, Nairobi agus anns an Ròimh. Bha e mu dheireadh stèidhichte aig Òrdan na White Fathers ann an Glaschu.
On radio
Broadcasts
- Sun 12 Jan 2014 09:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Jan 2014 15:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Jul 2014 09:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Jul 2014 15:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 May 2017 21:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Jul 2020 21:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Apr 2023 21:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Aug 2026 21:00Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal