27/04/2012
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 667
Duration: 05:38
Litir 667: Tòmas Garnett agus Iasgach a’ Gheadais
’S ann tric a chuala mi, agus a leugh mi, gu bheil Loch Innis mo Cholmaig eadar-dhealaichte bhon a h-uile pìos uisge eile dhen aon seòrsa ann an Alba. Dè tha mi a’ ciallachadh? Uill, ’s e ainm an locha ann am Beurla The Lake of Menteith. “The only lake in Scotland” mar a chanas iad gu minig.
Bidh mi, mar as trice, a’ cur ann an cuimhne dhaoine, a chanas a leithid, gu bheil sin fìor ann am Beurla a-mhàin, agus gur e “loch” a th’ ann fhathast ann an Gàidhlig! Agus tha e coltach nach e rud sean a th’ ann sa Bheurla nas motha. ’S e ainmeachadh an locha mar “l” rud a dh’èirich uaireigin anns an naoidheamh linn deug. Tha cuid dhen bheachd gun tàinig e bhon fhacal laich ann an Albais, a’ ciallachadh “blàr”.
Agus seo cunntas inntinneach bhon leabhar aig Tòmas Garnett Observations on a Tour Through the Highlands and Part of the Western Isles of Scotland a nochd an toiseach anns a’ bhliadhna ochd ceud deug (1800): “About six miles from Callander, we came to the Loch of Monteith, a beautiful little lake about five miles in circumference, adorned with two small sylvan islands.” Loch of Monteith, seach Lake of Menteith. Cha chan mi an còrr.
Co-dhiù, sgrìobh Garnett cunntas air leth inntinneach mu dheidhinn an locha sin. Chan ann mun loch fhèin ach mu dhòigh iasgaich air an cuala e aithris. Bha cuid de dhaoine fhathast beò, a bh’ air a bhith ag iasgach anns an dòigh sin. Tha e doirbh a chreidsinn – agus chan eil mi buileach cinnteach nach robh na daoine dìreach a’ tarraing às an neach-siubhail Shasannach seo! Ach mas breug thugam e, ’s breug bhuam e.
Tha Loch Innis mo Cholmaig làn dà sheòrsa èisg nach eil cho cumanta air a’ Ghàidhealtachd – tha iad nas lìonmhoire ann an uisgeachan na Galltachd agus ann an Sasainn. ’S e sin a’ chreagag-uisge agus an geadas. Bidh sibh eòlach air a’ gheadas, tha mi cinnteach – iasg mòr ris an canar pike ann am Beurla. Agus a’ chreagag-uisge? Uill, bidh cuid a’ gabhail muc-locha air an iasg sin; ann am Beurla, ’s e freshwater perch a th’ air. Fàgaidh sinn a’ chreagag-uisge an dàrna taobh. Tha cunntas Gharnett mun t-seann dòigh a bh’ aig daoine airson geadais a ghlacadh ann an Loch Innis mo Cholmaig.
Bhiodh na tuathanaich a bha a’ fuireach timcheall an locha a’ toirt grunn è a-mach do na h-eileanan. Bhiodh iad a’ ceangal lìn-bheaga ri casan nan è. Chuireadh iad dubhan air gach lìon, agus baoit air an dubhan. An uair sin, bhiodh na tuathanaich ag iomain nan è a-steach don loch.
Cha b’ fhada gus am biodh geadais a’ greimeachadh air a’ bhaoit agus air na dubhain. An uair sin, bhiodh spàirn mhòr eadar na ò agus na geadais. Bhiodh na ò an-còmhnaidh a’ dèanamh a’ ghnothaich, ged a bhiodh iad gu tric air an claoidheadh buileach nuair a ruigeadh iad tìr. Tha amharas agam gun robh na daoine a’ tomhas a’ ghnothaich mar spòrs is cur-seachad èibhinn a cheart cho math ri dòigh airson geadais a ghlacadh. Tha fhios nach bitheadh a leithid ceadaichte an-diugh.
Faclan na Litreach
Loch Innis mo Cholmaig: Lake of Menteith; annasach: unusual; creagag-uisge/muc-locha: freshwater perch; geadas: pike [fish]; dubhan: hook.
Abairtean na Litreach
mar a chanas iad gu minig: as they often say; a’ cur ann an cuimhne dhaoine: reminding people; nach e rud sean a th’ ann sa Bheurla nas motha: that neither is it an old thing in English; a dh’èirich uaireigin anns an naoidheamh linn deug: that arose sometime in the nineteenth century; cha chan mi an còrr: I’ll not say anything else; mu dhòigh iasgaich: about a method of fishing; nach robh na daoine dìreach a’ tarraing às an neach-siubhail Shasannach seo: that the people weren’t just teasing/kidding this English traveller; mas breug thugam e, ’s breug bhuam e: I’m only passing on what I’ve learned [if it came as a lie, it left as a lie]; dà sheòrsa èisg nach eil cho cumanta: two types of fish that aren’t so common; nas lìonmhoire ann an uisgeachan na Galltachd: more plentiful in Lowland waters; fàgaidh sinn X an dàrna taobh: we’ll ignore X [leave X on one side]; bhiodh iad a’ ceangal lìn-bheaga ri casan nan è: they would tie short lines to the geese’s legs; a’ greimeachadh air a’ bhaoit: gripping [biting] the bait; bhiodh spàirn mhòr eadar na ò agus na geadais: there would be a great struggle between the geese and the pike; an-còmhnaidh a’ dèanamh a’ ghnothaich: always prevailing; air an claoidheadh buileach: completely exhausted; tha amharas agam gun robh na daoine a’ tomhas a’ ghnothaich: I suspect that the people were considering the matter [to be]: spòrs is cur-seachad èibhinn: fun and an amusing pastime; a cheart cho math ri dòigh airson geadais a ghlacadh: as much as a method of catching pike; nach bitheadh a leithid ceadaichte: that the likes would not be permitted.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
Tha e doirbh a chreidsinn: it’s difficult to believe.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 27 Apr 2012 11:55ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Sat 28 Apr 2012 10:55ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Apr 2012 14:55ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Apr 2013 14:55ĢƵ Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.