01/04/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 611
Duration: 05:00
Litir 611: Abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir
Tha coileach air na tuinn. Bha ù na mara ga mo dhalladh. Chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach. Trì abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir. A bheil sibh gan tuigsinn? Canaidh mi a-rithist iad. Tha coileach air na tuinn. Bha ù na mara ga mo dhalladh. Chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach.
Tha coileach air na tuinn. Tha sin a’ ciallachadh there’s foam breaking on top of the waves. Far a bheil “eich bhàna” ann am Beurla, tha coilich againn ann an Gàidhlig. Bha ù na mara ga mo dhalladh. The sea spray kept me blinded. Bidh sibh eòlach air an fhacal ù, tha mi cinnteach. Tha e cuideachd a’ ciallachadh smoke no the blow of a whale. Agus, an gnàthas-cainnt eile – chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach – he was drowned while fishing on the rocks.
Tha na trì abairtean seo air an aon duilleig ann an leabhar beag grinn a thàinig a-mach o chionn ghoirid – “Gnàthasan-Cainnt”. Tha an t-uabhas ghnàthasan-cainnt anns an leabhar. Bha iad air an cruinneachadh le Dòmhnall Greumach bho dhaoine à Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh. Chan e seann rudan a th’ annta nach can daoine an-diugh. Tha iad fhathast air bilean an t-sluaigh.
Tha ceithir rudan aig na daoine as fheàrr a bhruidhneas Gàidhlig. Tha deagh ghràmar aca – eadhon nach d’ fhuair iad leasan gràmair riamh! Tha deagh bhlas aca. Tha briathrachas mòr aca. Agus tha a’ Ghàidhlig aca làn ghnàthasan-cainnt. Tha e follaiseach gu bheil iad a’ smaoineachadh anns a’ chànan.
Am measg nan dùbhlan a tha ro luchd-ionnsachaidh, tha a bhith a’ dèanamh an cuid Gàidhlig gnàthasach. Agus, dhaibhsan a tha faisg air fileantachd, bidh an leabhar ùr seo gu math feumail. Mar eisimpleir, seo cuid de na gnàthasan-cainnt a chruinnich Dòmhnall agus a chuir e fon tiotal “Nàdar an Duine”. A bheil sibh a’ tuigsinn dè tha iad a’ ciallachadh?
Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir. He is leaving there the long thread of the tailor. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir. Seo an t-eadar-theangachadh: he’s not a very neat tradesman.
’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. It’s many a rock on which that man rubbed. ’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. Agus an t-eadar-theangachadh: that one’s had a few setbacks in his life.
Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. She’s as silly as the larks. Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. An t-eadar-theangachadh: she’s completely bonkers! Agus boireannach de sheòrsa eile – thàinig i à nead ghlan (she came from a clean nest). Thàinig i à nead ghlan. An t-eadar-theangachadh: she came from a respected family.
’S e fìor dheagh leabhar a th’ ann a chuireas snas air cainnt dhaoine. Ach feumaidh mi ràdh gun robh aon ghnàthas-cainnt aig Dòmhnall còir a chuir dragh orm. Agus seo e – an rud nach ith na coin, thoir do Ruairidh e (give it to the glutton). Carson a thagh e Ruairidh?! Ach tha e ag ràdh, ceart gu leòr, gum bithear a’ cleachdadh diofar ainmean ann an diofar àiteachan. Canaidh mise – an rud nach ith na coin, thoir do dh’Uilleam e. Agus, mas e Uilleam a th’ oirbh fhèin mar ainm, nach gabh sibh mo leisgeul!
Faclan na Litreach
eich bhàna: white horses; deagh bhlas: a good “blas” (accent, pronunciation, manner of speaking); briathrachas: vocabulary; Uilleam: William.
Abairtean na Litreach
Trì abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir: three sayings connected to the sea; a bheil sibh gan tuigsinn?: do you understand them?; air an aon duilleig: on the same page; leabhar beag grinn: a nice wee book; bha iad air an cruinneachadh le Dòmhnall Greumach: they were collected by Donald Graham; Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh: Lewis, Harris, North Uist and Berneray; chan e seann rudan a th’ annta nach can daoine an-diugh: they’re not old things that people don’t say today; fhathast air bilean an t-sluaigh: still on people’s lips; na daoine as fheàrr a bhruidhneas Gàidhlig: the best Gaelic-speakers; eadhon nach d’ fhuair iad leasan gràmair riamh: even though they didn’t ever have a grammar lesson; am measg nan dùbhlan a tha ro luchd-ionnsachaidh: among the challenges that face [are ahead of] learners; tha a bhith a’ dèanamh an cuid Gàidhlig gnàthasach: is to make their Gaelic idiomatic; dhaibhsan a tha faisg air fileantachd: for those who are close to fluency; a chuireas snas air cainnt dhaoine: which will add elegance to people’s speech; a chuir dragh orm: which upset me; gum bithear a’ cleachdadh diofar ainmean ann an diofar àiteachan: that different names will be used in different places; canaidh mise: I’ll say; mas e Uilleam a th’ oirbh fhèin mar ainm: if your own name is William; nach gabh sibh mo leisgeul: please [won’t you] excuse me.
Gnàthasan-cainnt na Litreach
Tha coileach air na tuinn: there’s foam breaking on top of the waves. Bha ù na mara ga mo dhalladh: the sea spray kept me blinded. Chaidh e às an rathad, ’s e ri creagach: he was drowned while fishing on the rocks. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir: he’s not a very neat tradesman. ’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin: that one’s had a few setbacks in his life; Tha i cho faoin ri na h-uiseagan: she’s completely bonkers. Thàinig i à nead ghlan: she came from a respected family; An rud nach ith na coin, thoir do Ruairidh e: give it to the glutton.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 1 Apr 2011 11:55ĢƵ Radio nan Gàidheal
- Sat 2 Apr 2011 10:55ĢƵ Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.