Notes for teachers on a Gaelic language geography resource about transport in the Western Isles.
Tha an sgrùdadh a' rannsachadh chuspairean co-cheangailte ri bhith a' giùlain dhaoine agus stuth.
Tha an sgrùdadh stèidhichte ann an Alba agus tha e a' coimhead ri cuspairean co-cheangailte ri còmhdhail air eileanan iomallach. 'S iad na h-eileanan a tha san sgrùdadh: an t-Eilean Sgitheanach, Barraigh, Beinn na Fadhla, Èirisgeigh agus Uibhist a Tuath.
Tha cruinneachadh de bhidiothan goirid anns an rannsachadh agus gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air na h-ìomhaighean. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlà r gu h-ìosal. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar sheòrsa de chòmhdhail agus tha iad air an lìbhrigeadh le sgoilearan. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio agus faodar an cur dheth no air.
Tha na cuspairean ris a bheilear a' coimhead a' gabhail a-steach:
- • A' coimhead ri bà t'-aiseig an Eilein Sgitheanaich agus an dreuchd a bh' aige ann a bhith a' toirt ceangail còmhdhail eadar an Eilean Sgitheanach agus tìr mòr.
- • A' rannsachadh cho cudromach 's a bha Drochaid an Eilein Sgitheanaich agus an dreuchd a bh' aice ann a bhith a' ceangal an Eilein Sgitheanaich ri Tìr Mòr.
- • Buaidh chabhsair Èirisgeigh a tha ceangal an eilein ri Uibhist a Deas 's na h-eileanan tuath air.
- • An lìonra de ròidean singilte a th' ann an Uibhist.
Tha cuideachd cruinneachadh de bhidiothan goirid ann a tha a' toirt eisimpleirean de dhiofar sheòrsaichean còmhdhail a tha rim faotainn air feadh an t-saoghail. Tha seo gus dealbh nas fharsainge a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.
| CUSPAIR | BHIDIOTHAN | COTHROMAN ÈISTEACHD |
| °äò³¾³ó»å³ó²¹¾±±ô | Faigh a-mach mu chòmhdhail air feadh an t-saoghail Diofar sheòrsaichean còmhdhal le beachdan mu bhuannachdan agus cnapan-starraidh Faigh a-mach tuilleadh mu chòmhdhail anns na h-Eileanan Siar Seallaidhean nan eilean agus na h-à rainneachd Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu anns na h-Eileanan Siar Diofar sheòrsaichean còmhdhal a tha muinntir an à ite a' cleachdadh. Faigh a-mach mun drochaid dhan Eilean Sgitheanach Fiosrachadh mun drochaid, cìsean agus aiseigean. Faigh a-mach mu chòmhdhail ann an ceà rnaidhean eile den t-saoghal Bhidio 1: Faigh a-mach mu bhith a' dol dhan sgoil bho Eilean Ulbha Bhidio 2: Faigh a-mach mun eilean Breatannach Tristan da Cunha Bhidio 3: Faic mar a dh'atharraich còmhdhail sna h-Eileanan Galapagos Faic mar a gheibh cà raichean tarsainn an uisge ann an Uibhist A' siubhal a Bheinn na Faoghla à Èirisgeigh agus à Uibhist a Tuath Faigh a-mach mar a bhios parsail air a lìbhrigeadh a Bharraigh:
|
Èist ri na th' aig daoine ri rà dh mu Dhrochaid an Èilein Sgitheanaich Èist ri na th' aig daoine ri rà dh mu aiseag an Eilein Sgitheanaich Èist ri na th' aig daoine ri rà dh mu sgèith a Bharraigh Èist ri na th' aig daoine ri rà dh mun aiseag à Barraigh Èist ri na th' aig daoine ri rà dh mu ròidean Uibhist Èist ri na th' aig daoine ri rà dh mu chabhsairean Uibhist |