Rugadh Mà iri NicDhòmhnaill ann an 1821 agus chaidh a togail ann an Sgèabost san Eilean Sgitheanach. B' e croitear a bha na h-athair, Iain Bà n mac Aonghais Òig, 's bha esan pòsta aig Flòraidh, nighean Nèill Mhic Aonghais, à Uige.
Ann an 1845, ghluais Mà iri a dh'Inbhir Nis. Trì bliadhna an dèidh sin, phòs i Isaac Mac a' Phearsain, greusaiche à Inbhir Nis, agus rinn iad an dachaigh sa bhaile.
Bhà saich Isaac ann an 1871, ga fà gail le sianar chloinne. Bha an fheadhainn a b' òige 12 agus 15 bliadhna a dh'aois.
An dèidh a bhà is, fhuair i obair mar bhanaltram aig a' BhPh Harriet Turner. An dèidh bàs a' BhPh Turner, chaidh a chur air Mà iri gun robh i air cuid de a h-aodach a ghoid. Chaidh a dìteadh sa chùirt agus a cur don phrìosan fad dà fhichead latha. Tha cuid den bheachd gur e searbhant eile a chur aodach a' BhPh Turner ann an ciste Mà iri, agus bha Mà iri fhèin deimhinnte gun robh i neochiontach – bha sin follaiseach ann an grunnan de a h-òrain a rinn i. Mar a thuirt i fhèin:
'S e na dh'fhuiling mi de thà mailt, A thug mo bhà rdachd beò.
An dèidh dhith faighinn a-mach às a' phrìosan, chaidh Mà iri a Ghlaschu a shireadh obair mar bhanaltram. Fhuair i cuideachd trèanadh mar bhean-glùine ann an Taigh Eiridinn Rìoghail a' bhaile.
Tha e coltach gun do dh'ionnsaich Mà iri leughadh is sgrìobhadh aig an à m seo, oir chan eil teisteanas gum b' urrainn dhi seo a dhèanamh ro 1872.
Ann an 1876, ghluais i gu Grianaig far an robh i na banaltram, ach bhiodh i tric a' tilleadh a Ghlaschu gu cèilidhean mòra nan Sgitheanach.
Thill i dhachaigh dhan t-Eilean Sgitheanach ann an 1882, 's bha i a' fuireach eadar Sgèabost agus Port Rìgh. Rè nan 1880an, bha i gu mòr an sàs ann an aimhreit an fhearainn. Bhiodh i tric an là thair aig coinneamhan nan croitearan, 's i ag obair air bà rdachd a bha a' toirt spionnadh dha luchd-dùthcha.
Chaochail i ann an 1898 ann am Port Rìgh an dèidh tinneas goirid agus chaidh a tiodhlacadh ri taobh Isaac ann an Cladh a' Chapail an Inbhir Nis.
Chaidh cruinneachadh de a cuid òrain fhoillseachadh ann an 1891. Chan eil ach 32 de na h-òrain aice anns a' chruinneachadh, ach 's iad an fheadhainn as fheà rr a rinn i.
Dòmhnall Meek a' dèanamh dealbh den bhà rd
Mà iri Mhòr nan òran. A' chiad iomradh a chuala mise riamh mu Mhà iri Mhòr nan Òran, 's ann aig brà thair mo sheanmhair ann an Tioradh. Bha esan na shaor ann an Glaschu; dh'ionnsaich e saorsainneachd bhà taichean anns na gà rraidhean iarrainn air Abhainn Chluaidh aig deireadh na naodhamh linn deug.
Agus nuair a bha esan ag ionnsachadh, a' toirt a-mach a' chiùird anns a' ghà rradh iarrainn, thà inig e gu bhith aig Harland and Wolf mu dheireadh, bhiodh e dol còmhla ri Gaidheil eile gu na cèilidhean agus gu na cuirmean ann an Glaschu, agus bhiodh Mà iri Mhòr a' nochdadh.
Agus bhiodh e tric a' bruidhinn oirre agus a' dèanamh dealbh dha fhèin air cho mòr agus cho comasach 's a bha Mà iri. Nise, bha Teà rlach, b' e sin brà thair mo sheanmhair, bha e beò gus an robh mise 's dòcha dusan bliadhna a dh'aois, agus bhiodh e bruidhinn air an tè a bha seo, Mà iri Mhòr nan Òran, agus an dealbh a bh' aigesan oirre, 's e dealbh de bhoireannach gu math smachdail, là idir, fada na barail fhèin, agus tè a bha comasach anns a h-uile dòigh.
Nise, choinnich mi a-rithist ri tè agus bha h-athair eòlach air Mà iri Mhòr nan Òran. Agus rinn ise dealbh brèagha dhith nach dìochuimhnich mi, mar a bhiodh i nochdadh aig na cèilidhean ann an Glaschu, agus bhiodh i air a' sgeadachadh ann am breacan Chlann Dòmhnaill. Bha i cho mòr 's cho brèagha, 's bhiodh ultach fraoich aice, agus bhiodh i gluasad am measg an t-sluaigh anns na tallachan anns am biodh i seinn. 'S bhiodh i sgapadh an fhraoich a-null sa nall agus bha 'm boireannach mòr a bha seo a' tighinn a-staigh do na taighean cèilidh agus bha i, mar gum biodh, gan gabhail dìreach fo h-achlais, mar gum biodh, bha i cho mòr 's cho smachdail.
Agus dealbh beag eile, tha cuimhne agam nuair a bha mi bruidhinn ri Seoc Dòmhnallach ann am Port Rìgh, Colonel Jock mar a bh' ac' air. Bha esan eòlach, na bhalach, air Mà iri Mhòr nan Òran, agus 's e sin cho faisg 's a bha mise riamh air Mà iri Mhòr nan Òran, gu pearsanta, mar gum biodh - an sgeulachd a bh' aig Colonel Jock dhomh. 'S bha esan ag innse, nuair a bha e na bhalach beag agus nuair a rachadh cuisean ceà rr san taigh 's bhiodh iad a' trod ris – dhèanadh e rudeigin ceà rr – bhiodh e teicheadh às an taigh mhòr ann am Port Rìgh, 's bhiodh e dol air chèilidh air Mà iri Mhòr, biodh e falbh airson fasgadh fhaighinn o Mhà iri Mhòr, 's dìon, chuireadh ise dìon air a' bhalach bheag.
Agus bha seo gu latha a bha seo a rinn e rudeigin san taigh 's bha e dol a dh'fhaighinn a dhalladh air a shon agus theich e, agus dh'fhalbh e gu bothan Cheann na Coille far an robh Mà iri Mhòr, agus bha fhios aige - bhiodh athair a' tighinn às a dhèidh, agus gum faigheadh e a' dhalladh bho athair nuair a gheibheadh e greim air.
"Uill," arsa Mà iri, "staigh thu ann an siud," agus thog i a' sgiorta mòr a bh' aice, agus chuir i am balach beag a bha seo a-staigh fon sgiorta aice, agus bha Seoc ann a' siud, agus nuair a thà inig athair, chan fhaca Mà iri Seoc. Cha robh sgeul air a' bhalach, bha e air fhalach fo na còtaichean mòra aig Mà iri. 'S tha sin ag innse dhut an seòrsa mnà a bh' ann am Mà iri, boireannach mòr – mòr, là idir na corp, agus bha i là idir na h-inntinn cuideachd.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.