Mìle marbhphaisg air an t-saoghal,
's carach baoghalach a dhà il.
Cuibhl' an fhortain òirnn air caochladh,
cha do chleachd sinn maoim ro chà ch.
Tha sinn a-nis air ar sgaoileadh
air feadh ghleann is fhraoch-bheann à rd.
Ach tionailidh sinn fòs ar daoine
nuair a dh'fhaodas sinn gu blà r.
Misneachd mhath a mhuinntir ghaolach,
's gabhaidh Dia dhuinn daonnan cà s.
Cuiribh dòchas daingeann faoilteach
às an aon Ti nì dhuinn stà th.
'S buannaichibh gu rìoghail, adhrach,
traisgeach, ùirneach, caoineach, blà th.
'S bithibh dìleas chà ch-a-chèile
's dùinear suas ur creuchdan bà is.
Ach 's fheudar dhòmh-sa nis bhith falbh bhuaibh,
Ghaidheilibh calma mo ghrà idh.
Bu mhòr m' earbsa às ur fògh'ne,
ged a dh'fhòghnadh dhuinn san à r.
'S iomadh anacothrom a choinnich sinn
sa choinneamh bha gun à gh.
Ach gabhaidh mise nis mo chead dhibh
ùine bheag, ach thig mi trà th.
Leasaichidh mi fòs ur call-sa,
churaidhean gun fheall gun sgà th.
A dhìlse dhligheach rìoghail threuna,
dhèanadh euchd ri uchd nam blà r.
'S cinn is colainn chur o chèile,
sinn 's sibh-fèin a sgaradh fà s.
Ach togaibh suas ur misneachd ghleusta
's cuiream fèin rir creuchdan plà st.
Beannachd gu lèir le Clann Dòmhnaill,
sibh a dh'fhòirinn orm nam chà s.
Eadar eileanan is mhòrthir,
lean sibh deònach rium gach trà th.
'S iomadh beinn is muir is mòinteach
shiubhail sinn air chòrsa bà is.
Ach theasairg Dia sinn air fuar-fhòirneart
nan con sròin-ghaoth bha rir sà il.
Sibh a rinn fo là imh na Trianaid
mise dhìon o mhìorun chà ich.
Mo dhearg nà imhdean, neartmhor, lìonmhor,
chuir an lìon feadh ghleann is à rd.
Mheud 's a thaisbein sibh dur dìlseachd,
's còir nach dìochuimhnich gu brà th.
A bhà rr gur sibh as luaith' a shìn rium
toic air tìr 's an talamh à rd.
[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational
purposes only.]
Ìý
Ìý