A Pheigi a ghrà idh 's tu dh'fhà g mi buileach gun sunnd,
'S mi seòladh an-drà st' thar sà il dh'Astrà ilia
null,
Tha 'n oidhche fliuch, fuar, 's mi shuas ga cumail air chùrs,
'S tu daonnan nam smuain, a luaidh, bhon dhealaich thu rium.
Bhon dhealaich thu rium neo shunndach m' aigne gach là ,
'S mi seòladh a' chuain, 's gach uair gam sgaradh od ghrà dh,
Ma thug thu dhomh fuath, 's nach dual dhomh d'fhaighinn gu brà th,
Gum faic thu led shùil, a rùin nach bi mi fad slà n.
Cho fad 's thèid mi null bidh dùil am
tilleadh a-nall,
Far do dh'fhà g mi mo rùn fo thùrs am baile nan
Gall,
'S thèid sinn le sunnd a-null do dh'Uibhist nam beann
Far am faigh mi ort còir le pòsadh ceangailte teann.
Nuair gheibh mi ort còir ri 'r beò cha
bhi oirnn dìth
Gun dèanainn dhut lòn gu leòr air muir agus tìr;
'S ged theireadh an sluagh a luaidh nach dèanainn dhut nì,
Gun togainn dhut bà rr a ghrà idh ged 's maraiche mi.
Ged 's maraiche mi tha sgìth a' treabhadh a' chuain,
Bha 'n iomadach à ite is ceà rnaidh, deas agus tuath,
Chan fhaca mi ann tè Ghallda sheasadh riut suas,
A bhean a' chùil bhà in chaidh à rach an Uibhist
nam buadh.
An Uibhist nam buadh gur truagh nach robh mi leat
thall
Is fà inne den òr mud mheòir gar ceangal le bann
'S ma thilleas mi luaidh thar chuain an turas seo nall
Dh'Aird Choinnich thèid sinn le cinnt gar ceangal gu teann.
Gun sguir mi den dà n mu 'm fàs sibh
uile dheth sgìth,
'S gun tuig sibh mo chàs 's mi 'n-drà st' cho fada bho
thìr,
Ach an rud tha mi rà dh, gu brà th gun aidich mi fhìn,
'N taobh tuath Loch a' Chà rnain dh'à raicheadh cailin mo
chridh'.
[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]
Ìý
Ìý