
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd à rd,
Tha torann a' chuain
Mar chualas leam-s' e nam phà ist,
Gun mhùthadh gun truas
A' sluaisreadh gainneimh na trà ghad
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd à rd.
Gach là d le a stuadh,
Cho luaisgeach, faramach, bà n
Na chabhaig gu cruaidh
'S e gruamach, dosrach, gun sgà th,
Ach strìochdaidh a luaths
Aig bruaich na h-uidhe bh' aig cà ch,
Mar chaochail an sluagh
Bha uair sa bhaile-sa tà mh.
Sna coilltean a siar
Chan iarrainn fuireach gu brà th,
Bha m' inntinn 's mo mhiann
A-riamh air lagan a' bhà igh.
Ach iadsan bha fial
An gnìomh, an caidreamh, 's an à gh
Air sgapadh gun dìon,
Mar thriallas ealtainn ro nà mh.
Seileach is luachair,
Cluaran, muran is stà rr
Air tachdadh nam fuaran
'N d' fhuair mi iomadh deoch-phà it;
Na tobhtaichean fuar'
Le bualan, 's cuiseag gum bà rr,
'S an deanntagach ruadh
Fàs suas sa chagailt bha blà th.
Ach chunnaic mis' uair
'M bu chuannar beathail an t-Ã it',
Le òigridh gun ghruaim
Bha uasal modhail nan cà il,
Le mà thraichean suairc
Là n uaill nan companaich grà idh,
Le caoraich is buar
Air ghluasad moch madainn nan trà th.
Ag amharc mun cuairt,
Cha dual dhomh gun a bhith 'm prà mh:
Chan fhaic mi an tuath
Dem b' shuaicheant' carthannas tlà th -
Nam fògarraich thruagh,
Chaidh 'm fuadach thairis air sà l,
'S cha chluinn iad gu buan
Mòr-fhuaim na h-ataireachd à ird.
Fir-sgiùrsaidh an t-sluaigh,
Cha bhuan iad bharrachd air cà ch:
Bu chridheil an uaill
Gar ruagadh mach gun chion fà th,
Ach sannt agus cruas,
An duais tha aca mu thrà th -
Mòr-dhiomb' is droch luaidh
An uaigh le mallachd nan à l.
Ach siùbhlaidh mi uat;
Cha ghluais mi tuilleadh nad dhà il;
Tha m' aois is mo shnuadh
Toirt luaidh air giorrad mo là ,
An à m dhomh bhith suaint'
Am fuachd 's an cadal a' bhà is
Mo leabaidh dèan suas
Ri fuaim na h-ataireachd à rd.
[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational purposes only.]
Air ais.