³§Ã¨¾±²õ³Ù
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh,
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh,
An eilean an fhraoich bidh daoine fuireach gu brà th,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh.
Is toigh leam gach beann, gach gleann, gach tulach is òs,
Gach sruthan is allt gu mall tha siubhal gu lòn.
'S toigh leam am feur 's gach geug a chinneas air blà r,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh.
Is toigh leam an sprèidh tha streap ri mullach nam beann,
An canach 's am feur 's gach geug a thogas a ceann,
O! 's toigh leam gach cùil, gach lùb, gach coire agus cà rn,
Tha an eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh.
Is toigh leam an cuan 'tha cuartach' eilean mo ghrà idh,
'S na tonnan a ghluaiseas uallach ullamh gu trà igh.
Is toigh leam na h-èisg, 's gach creutair beag a ni tà mh,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh.
Is toigh leam an òigridh, cheòlmhor, cheanalta, ghrinn,
A sheinneas na h-òrain, còmhnard, aighearach, binn.
Is toigh leam gach gruagach shuairc' tha 'g imeachd air srà id,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh.
Is toigh leam gach eun th' air sgiath an eilean mo ghrà idh,
Bidh uiseag na speur ag èigheach madainn gach là .
Bidh smeòrach nan geug 's i fhèin a' seinn air a grà dh,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh.
Bidh coirc' agus eòrn' gu leòr an eilean mo ghrà idh,
Bidh biadh air a' bhòrd is còrr mu choinneamh gach trà th.
Bidh aois agus òg gach là ri faighinn an sà th,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh.
Tha uisgeachan mìn ri cìreadh fuiltein nan gleann,
Fo bhilich an fhraoich tha gaoir is faram nan allt.
Tha osag na gaoith gu coibhneil thairis gach là ,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh.
Tha ghealach 's a' ghrian ag iadhadh eilean mo ghrà idh,
Toirt thairis am miann gu sìol a thabhairt gu fà s.
Tha ùghdar nan reult E Fhèin ag amharc gach trà th,
Air eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghrà idh.