[Na facail le cead bho Etta Bell NicMhaolain.]
Bithidh mo dhùthaich ri tighinn air m' aire,
Bithidh mo dhùthaich co dhiubh an dachaidh,
An taobh Cnoc Chusbaig 'san Eilean Fhada,
'S an Cuan a Tuath ri cur cuairt air fhearann.
Bithidh mi cianail 's chan ioghnadh dad deth,
FÃ gail Shiadair 's a' triall bho m' dhachaidh,
Far robh mi dòigheil le lòn 's le aran,
Mi fà gail còir dheth 's a sheòl mi 's t-Earrach.
'S ann ann a fhuaireadh mi 'na mo leanabh,
'S ann ann a dh' fhàs mi nuair bha mi 'm bhalach,
'S mi ann le Mà iri 's mo phà isdean laga,
Nach cianail fhà gail 's mi'n sàs ri leth-cheud.
O, bidh mi smaointinn air tìd chaidh seachad,
Mo theaghlach caomh ri mo thaobh mu'n teine,
Air glùin am mà thar le grà dh 'gan altrum,
Mu'n d'thainig bàs air ar sgà th 'gar sgapadh.
'S e so tha fà gail dol bà n mo dhachaidh,
Bàs am mà thar 's am brà thar mhaisich,
Iad air an Aoigh far nach cluinn iad facal,
'S e so chuir sgoinn air a' chloinn gu sgapadh.
Tha trioblaid, à mhghar, tha bàs is freasdal,
Ann bhi 'gan à rach mu'n d'fhà g an dachaidh
'S am beagan phà isdean a dh' fhà gadh agam,
A' maoidheadh m' fhà gail mur tà r mi 'n leantainn.
Tha e cruaidh an cuan tuath dhol eadar,
Cò ghabhas diù dhiom nuair thig mo laige,
Cò bheir am bùrn dhomh no bheir dhomh aran,
Bho chaill mi MÃ iri 's a h.Ã ite falamh?
Cha leig mi bhuam iad ach ni mi'n leantainn,
Theid mi null gu taobh thall na mara,
Gheibh sinn à ite anns an dean sinn tà mhachd,
Ged bhios an là rach s' air fhà gail falamh.
Bho chionn ochd bliadbna bu bhriagh an sealladh
Aig meadhon Shiadair air criochan m' athar,
Bha aona mac deug ann de ghillean ciatach,
Iad tric a' biathadh mo lion gu adaig.
Air oidhche Gheamhraidh bhiodh camp dhiubh agam,
Bhiodh fear ag cà ireadh 's bhiodh snà th 'ga thachras,
Fear sgileadh fhiasgan 's bhiodh fear a' biathadh,
'S ag cur mo lion ann an cliabh 'nan laighe.
'S iomadh dòigh rinn na seòid ud sgapadh,
Tha beatha 's bàs deanadh là raich falamh,
Far robb mo phà isdean is clann mo bhrà ithrean,
Bhiodh feur a' fàs ann gun sà il dha shaltairt.
Seall mu'n cuairt à m na buain 's as t-Earrach,
Cha bhi aon air an raon ach Calum,
Is dithis phà idean nach 'eil an à rd orr',
Ma bhios an t-s1à int ac' ni iad cà ch a leantainn.
Mo mhac a b'òige cha bheò am fear sin,
Is ceud.ghin, Murchadh, a dh' fhalbh do Afric',
A thogadh còmhla rium mus do phòs mi,
'S an tir nam "Boers" tha chòmhnuidh aige.
Tha iomadh fiùran chaidh fiùghail altrum,
An Eilean Leòdhais tha thall an Africa,
Nach fhaic am pà rantan air an cà ireadh,
'S tha mac mo bhrà thar 'san à ireamh aca.
Och, a shaoghail, 's tu chaochail aighear
'S tu mheall mi fhéin le do mhiltean gealladh,
Nuair a shaoil mi a bha iad fior dhomh,
Mar mholl roimh ghaoith chaidh gach aon a sgapadh.
Bho shìn am bàs rium 'se dh'fhà g mi falamh,
Tha m' fheoil 's mo chnà mhan 's an sà l dol eadar,
'S mo dhachaidh fà sail gun fà ileadh teine,
'S mi fhéin 's mo chlann air taobh thall na mara.
Tha m'fheum air còmhnadh gu mòr na'm faighinn
'S gun deanainn gréim air na tha 'na ghealladh,
Bho'n Ear gu'n Iar fhad's tha ghrian a' riaghladh,
Na tha 'ga iarraidh tha dion dhaibh Aige.
An tìr nam beann is nan gleann chaidh m' altrum,
An Eilean Leòdhais nan daoine tapaidh,
'S an robh an Diadhachd bho chiantan fada,
'S ged dheidheadh an criathradh tha siol ann fhathast.
Tha 'n t-à m tigh'nn dlùth 's chan 'eil dùil a sheachnadh,
'S am feum mi seòladh cha mhòr ach seachduin,
'S am fà g mi'n dùthaich 's an lùiginn cadal,
Air bà t' na smùide, 's mi gun dùil thigh'nn dhachaidh.