Togaibh a' bhratach a chlanna mo shluaigh-sa,
Togaibh le caithreim i, togaibh le buaidh i.
B' i dìleab bhur sinnsre an fhìor-fhuil gun truailleadh
A chumadh an-à ird sinn 's gach càs agus cruadal.
Siud an fhuil Ghà idhealach bha ceannsgalach buadhmhor
Luchd caitheamh an fhèilidh is breacan na guaille
Cha teicheadh ro nà mhaid 's chan fhaicte 's an ruaig iad.
'S bu là idire dh'fhà sadh mar b' à irde an cruaidh-sa.
Nuair chìte air faich' iad len deiseachan uaine,
A' siubhal an rathaid 's a' phìob a' toirt fuaim dhaibh
Ri aodann a' chatha 's rughadh nan gruaidhean
O cà ' bheil an cridhe nach tiomadh san uair ud?
'S ged seasmhach an spiorad nach pilleadh roimhe'n fhuathas
Sùil chorrach nan aodann nach faoidteadh a ghluasad
Cò shaoileadh san trà th ud an spà irn ghoirt a fhuaradh,
A' dealach' ra'n leannain an gleannan an uaigneis?
Faic iad a-nis fìor luchd-fìne nam fuar-bheann,
Dìreadh le braise gun athadh roimh 'n uamhas;
Gach gunna ri là mhach an nà mh tighinn a-nuas orr',
Ach rinn sinn an ciosnach' ged mhill iad mo luaidh-se.
Cò 'm fear ud a chì mi 'na shìneadh gun ghluasad?
'N fhuil chraobhach a diobradh 's gun aon a nì fuasgladh;
Fhalt camagach bòidheach na dhubh-lùban cuachach,
A snà mh anns a ghaoith 's gun aon-ghaoil ann bheir dual as.
Tha 'n claidheamh 's e sìnnte a-nìos ri d' chrios-guaille,
'S e fhathast a d' ghlaic tha air glasadh 's air fuaradh;
'S ma rinn thu daibh striochdadh 's ann dìleas a fhuaradh,
'S triùir naimhdean na'n sìneadh 'n uair spìon thu a d' thruaill e.
Tha 'm breacan bha deas ort air preasadh le ruaidhe,
A's sruthan na fola toirt dath às an uaine;
Tha d'inntinn a' sìoladh 's an rìbhinn ad' smuaintean,
A's manran a beòil a' toirt ciùil ann ad chluasan.
'S an oidhche mun d'fhà g thu bu chrà iteach an smuain ud
Guthan rabhaidh ag rà dh nach robh dà il anns an uair dhuit;
Cha b' iognadh, a ghrà idh, ged bha thu ga d' chà radh,
A's tanasg a' bhà is, 'geurach' fhà l ga d' thoirt bhuam-sa.
O 's truagh mi da-rìribh bho'n dh'innseadh an tuairsgeul,
Mo chridh tha air lìonadh 's mo bhàs gan sìor bhualadh;
Tha esan glè ìosal mun tric rinn mi bruadar,
'S cha chlaidheamh a mhill e, ac innleachd na luaidhe.
A's cà ch nuair thig dhachaidh le caithream 's le luathghà ir',
Bidh mise glè fhalamh gun charaid san uair ud;
A's ghuidhinn am bàs gun mo là ithean toirt buain dhomh,
Nam faighinn gu brà th bhi ga m' chà radh san uaigh leat.