Gur duilich leam mar tha mi 's mo chridhe 'n sàs aig bròn
Bhon an uair a dh'fhà g mi beanntan à rd a' cheò,
Gleanntanan a' mhà nrain, nan loch, nam bà gh 's nan òb
'S an eala bhà n tha tà mh ann gach là air 'm bheil
mi 'n tòir.
A Mhagaidh na bi tùrsach a rùin ged gheibhinn bà s
Cò am fear am measg an t-sluaigh a mhaireas buan gu brà th?
Chan eil sinn uile ach air chuairt mar dhìthein buaile dh'fhà s,
Bheir siantanan na bliadhna sìos 's cha tog a' ghrian an-à ird.
Tha mise 'n seo 's mo shùil san iar on chrom
a' ghrian 's an t-sà l
Mo bheannachd leig mi às a dèidh ged thrèig i mi
cho trà th
Gun fhios am faic mi mà ireach i nuair dh'èireas i gu h-à rd
Is iomairt lann gu bhith ri chèil' nuair 's lèir dhuinn
beul an là .
Tha mise seo san fhà saich air sliabh a' bhlà ir 's mi
leòint'
Cha Ghearmailteach a thà rr mi cuir saighead crà idh nam
fheòil,
Ach an gaol thug mi dhan mhà ldaig, a' ghruagach à lainn
òg
A-nochd chan fhaod mi à icheadh nach e chuir ceà rr mo dhòigh.
Mas e 's gu bheil e 'n dà n dhomh 's on bhlà r gun till
mi beò
Is gu faic mi 'n t-à ite san deach m' à rach òg,
An sin bidh crathadh là mhan ann is bilean blà th toirt
phòg
'S mo ghealltanas bidh pà ighte dhut le fainne chur mud mheòir.
Ach ma thig an t-à m is anns an Fhraing gum faigh mi bà s,
'S san uaigh gun tèid mo shìneadh far 'eil na mìltean
chà ch,
Mo bheannachd leis a' ghruagaich, a' chaileag uasal bhà n -
Gach là a dh'fhalbh gun uallach dhi, gun nà ire gruaidh
na dhà il.
Oidhche mhath leat fhèin a ghaoil nad leabaidh
chùbhraidh bhlà th
Cadal sà mhach air do shùil 's do dhùsgadh sunndach
slà n
Tha mise 'n seo san trannsaidh fhuar 's nam chluasan fuaim a' bhà is
Gun dùil ri faighinn às le buaidh tha 'n cuan cho buan
ri shnà mh.
[Song lyrics sourced by the
(GRD) for educational purposes only.]
Ìý
Ìý