Tha thìde bhith gad shlaodadh gu Allt na Sgeire Maoile
Ma gheibh sinn beagan dhaoine nì falbh leat;
Tha thìde bhith gad shlaodadh gu Allt na Sgeire Maoile
'S gum faigh sinn sruth a' Chaolais fod earball.
Bha dùil am Pabail Iarach gum maireadh tu gu sìorraidh
Nan cumadh iad thu biadhte le arbhar,
Ach 's e tha dhomh na dheuchainn nach d' fhuirich thu car bliadhna
Gu faighinn thu gu cliathadh na talmhainn.
Mo mhallachd aig a' cheà rd ud a reic thu ri mo nà baidh,
Thuirt ris gu robh thu là idir is calma;
Ach thuig mi bho na cnà mhan nuair sheas thu anns an stà ball
Gun theich thu às an Airc ron a' chalman.
Cha robh do chasan còmhnard bho thà inig thu don dùthaich,
Bha car annta gun cùlaibh gun falbh ast';
An sruth a bh' às do shùilean a' bualadh air do ghlùinean
'S e sin a thug an lùths às do chalpan.
Rinn sinn a h-uile cà il gus do chumail bho na ceà rdan,
Le mugaichean deoch-bhà n moch is anmoch;
'S e thuirt an Dotair Mòr bhios a' leasachadh do sheòrsa,
"A Chaluim, 's ann na bhrògan tha 'n aimlisg".
Nuair chuirte thu don "harness" 's do dhreasaigeadh
an à irde
Cha bhiodh do shamhail air an t-srà id air feadh Alba;
Ach 's e do chasan cinn-sa, bho nach robh iad coimhleant' -
Cha leigeadh tu do bhoinn chun na talmhainn.
Bha daoine riut cho coibhneil, gad chaithris feadh na h-oidhche
'S iad ag rà dh gur e d' inntinn a mharbh thu;
Chaidh feadhainn de do dhà imhean le cabhaig chun an èildeir
Gus an cumadh iad ort cuimhn' anns an t-searmon.
Nuair chruinnich sinn Dimà irt anns a' mhadainn aig an stà ball,
Chaidh fios airson do bhà is air feadh Alba;
Bha "Cook" 's e leis an ròpa ga theannachadh mud sgòrnan
'S e 'g rà dh gun deigheadh d' fheòil don a' Ghearmailt.
'S ann sin thuirt Coinneach Iomhair, "Chan eil mi idir riaraicht'
-
Tha cuideam anns a' bhiast a tha mairbhteach;
Nam faighinn-sa mar dh'iarrainn, dheigheadh ullachadh a dhèanamh
A chumadh e à fianais nan cailleachan".
Am fear don robh thu dìleas, chan eil e anns an tìr seo
Ach chuir e thugad "wreath" a bha ainmeil;
'S e nach robh e ann airson coiseachd aig do cheann
Dh'fhà g an t-eallach buileach trom air na dh'fhalbh leat.
Ma thèid thu chum nan cuantan 's gum faigh an sruth a tuath
thu,
Feuch an cùm thu fuaradh air Tolastadh;
Tha bodaich anns an à it' sin, 's ma gheibh iad air an trà igh
thu
A thilleas thu chun a' cheà ird bhon do dh'fhalbh thu.
An tè a ghabh do chùram, bha staigh 's a dhùin
do shùilean
Tha ise gun fà d mònach bho dh'fhalbh thu;
Ach mus tig an t-à iteach gheibh i fear nad à ite
Ma bhios "spare" aig na ceà rdan am Barabhas.
[Gabh a' chiad rann a-rithist.]
Ìý
[Song lyrics sourced by the (GRD) for educational
purposes only.]
Ìý