
E horo Chalum Mhòir, thugainn comh' rium gu dram
Null do bhùth
Dhòmhnaill 'ic Leòid 's gheibh sinn stòpan de leann,
'S nuair a bhios sinn 'ga òl 's math a chòrdas sinn ann,
Bidh
ar n-inntinn air ceòl 's cha bhi òrain oirnn gann
Ann am bùth
Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Bidh an seòmar cho blà th,
bidh an t-à ite cho brèagha,
Air an ùrlar fo'r bonn dathan
donn, dubh is liath.
Chì thu putan beag bà n air am fà isg
thu do mheur,
Thig fear-freasgairt mu'n cuairt 's na bheil bhuat a chur sìos
Air do bhialaibh air bòrd.
Dhe gach seòrs' a thèid
òl bidh gu leòr fo do shùil,
Fear a' lìonadh nan
stop 's a' cur cròic air an liunn,
Chì thu fìon thig
o'n Spà innt oirr' air fhà gail co-dhiùbh,
'S chì
thu eun ann an cèidse shuas gu h à rd os do chionn
Ann am bùth
Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Chì thu togsaidean bhuat, bidh
iad suas air an ceann,
Chì thu goc anns gach tè leth na rèiseadh
o 'bonn,
Fear tha freasgairt na bùth tighinn 'gad ionnsaigh le dram,
'S their e 'n t-airgiod a-null 's their e mùthadh a-nall
Ann am bùth
Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Chì thu dìsnean is tà ileasg
'gan cà radh air bùird,
Gheibh thu pà ipear ri leughadh
le speuclair dha d' shùil,
Bidh gach nì mar is còir eadar
Dòmhnall 's a bhùth,
'S chì thu staidhre dol sìos,
à it bhios riatanach dhuinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic
Leòid.
Gheibh thu searbhadair shìos, gheibh thu siabann is
bùrn,
'S los gum falmhaich thu mhias, tog a' chìochag 'na grùnnd.
Gheibh thu sgathan is cìr 's rud a shlìobas a-nùll,
'S a their loinn air do cheann, ged bhiodh sgall air gu chùl
Ann am
bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Ann am bùth Dhòmhnaill
'ic Leòid bidh gach seòrs' innte cruinn,
Thig o thaobh Abhainn
Chluaidh 's cuid tha nuas as na glinn.
Bidh a' chà braid cho cruaidh
ann an cluasan do chinn,
'S ged bhiodh bà rd ris gach gualainn dhiot
's fuaim ac' air seinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
"Cuir
a-nuas leth tè chruaidh," thuirt fear shuas mu'n cheann à rd,
"Gloine fìon," thuirt fear shìos air bheil fìor
choltas ceà ird.
"Happy Day, come away," 's e thuirt tè
reamhar, bhà n
A bha bhlà th air a sròin, gun do thòisich
i trà th
Dhol a bhùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Chì
thu deòraideach ruadh agus spuaic air a mhaol
'N dèidh bhith
Dòmhnach gu Luan glaiste suas aig na maoir;
Dh'fhalbh e 's dh'òl
e tè chruaidh 's ghabh an truaghan an caoch,
'S chuir e eòlas
an uair sin g'eil smuais anns gach braon
Th'ann am bùth Dhòmhnaill
'ic Leòid.
Ni sinn cinnteach mu'm falbh sinn à balgam no dhÃ
Thig à Ìle thar fairg' air eil dealbh an Eich Bhà in;
Toradh brìgheil an arbhair as ainmeile grà n;
Cha bhi rìoghachd
na h-Alba neo-shealbhach gu brà th
Fhad 's a dh'fhà sas innt'
eòrn'.
Gloine mhòr dhe 'n Each Bhà n 's i air clà r
mar ri pinnt,
Thèid an t-à ran nas fheà rr leis gach là n
a thèid innt';
Cha bhi dhuilgheadas oirn ach chò gann 's tha
na buinn,
Cha eil iongnadh ann leam sinn bhith 'g ionndrainn na tìm
Nach robh phrìs aic' ach gròt'.
Air an aimsir
a dh'aom bha mi smaòintinn an raoir,
O, 's ann oidhche Di-h-aoin' bhios
am maorach 'ga roinn,
'S mu'n do riaraich mi mhnaoi 's rud an t-aon thoirt
d'an chloinn,
Cha b'e pòca cho aotròm a dh'fhaodainn air spiaoid
Thoirt gu bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Bha
i fhèin anns an iorghuill 's i cruinneachadh a' mhà il,
Bhiodh
am bà illidh mu'n cuairt 's e gu gruamach ag rà dh-
"Ma
tha 'n t-airgiod 'gad dhìth 's mar a lìbhrig thu Ã
Gheibh
thu dearbhadh le cinnt bhith 'nad shìneadh Di-mà irt
Air an t-srà id
air do thòin."
Their na là ithean a dh'aom
orm caoineadh nan diar,
Tha a bhlà th air an t-saoghal g'eil saorsa
dol sìos;
Nuair tha 'm bà rd 's e Di-h-aoine gun bhraon thèid
'na bhial,
'S e air fhà gail cho daor aig na daoine gun chiall,
A luchd-riaghlaidh a th'oirnn.
Anns an aimsir a dh'fhalbh
thug iad Albainn fo chìs,
Rinn iad ìocshlaint nam buadh a chur
suas ann am prìs,
Gus na gheà rr iad o'n t-sluagh e, mo thruaighe
ri ìnns',
Gun do thrà igh iad am fuaran bu dualach dha 'n tìr
Bha na mìltean ag òl.
Thrà igh iad
fuaran nam buadh, dh'fhà g iad sluagh ann an cà s,
Tha na ceà rnachan
tuath 's iad air thuar a bhith fà s;
Tha na fà rdraichean fuar
a bha uaireigin blà th,
'S chan eil à bhachd aig cluais mur eil
fuaim a' mhuir-là in,
Far am b'à bhaisteach ceòl.
Tha
na ceà rnachan tuath ac' air thuar a bhith fà s,
'S ann tha à ireamh
an t-sluaigh a' dol suas tha 'nan tà mh.
Bidh am BÃ rd Mac-an-t-Saoir
fhathast daonnan an sà s,
Ach ma tha 's ann 's a' pholl agus toll air
a mhà s,
Ged tha iad-san air dòigh.
Ach
fhuair mi airgiod an dè 's bha e feumail 's an à m,
Ruith an
t-ainmhidh a rèis 's fhuair e 'r èiginn a cheann
Chur air thus
air a chòrr: bhuidhinn Dòmhnall an geall,
'S mi cho beartach
ri Lord; thugainn còmhla rium-teann,
Sguir a chnuasach dò phòc.