Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ

Explore the Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha tèid an ùrachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a’ BhBC.

19 January 2015
Accessibility help
Text only

Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµpage
Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Scotland
Alba
Foghlam
» Ìý

Contact Us

Like this page?
Send it to a friend!

Ìý

Brìgh nan Òran

Brìgh nan Òran - Anna Latharna NicGillìosa



Tha iomadach dreuchd aig Anna Latharna NicGillìosa - seinneadair, craoladair agus sgrìobhaiche nam measg. Chaidh a togail ann an Earra Ghàidheal agus thòisich i a' seinn nuair a bha i glè òg. Tha ùidh mhòr aig Anna Latharna ann an cànan agus cultar na Gàidhlig.

Facail



Alasdair Mhic Cholla Ghasta

Alasdair Mhic, ò hò,
Cholla ghasta, ò hò,
Às do làimh-sa, ò hò,
Earbainn tapadh; trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo,
Chall eileadh ò hì, chall a horò,
Chall eile huraibh i, chall a horo,
‘S hao ri oho, trom èile.



As do làimh-s’, gun ò hò,
Earbainn tapadh, ò hò,
Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach' nam Breac leat, trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach nam Breac leat, ò hò,
'S thìodhlaiceadh an ò hò,
Oir an loch e; trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



'S thìodhlaiceadh an ò hò,
Oir an loch e, ò hò,
'S ged 's beag mi fhèin, ò hò,
Bhuail mi ploc air; trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



'S ged 's beag mi fhéin, ò hò,
Bhuail mi ploc air, ò hò,
Chuir siud gruaim air ò hò,
Niall a' Chaisteil; trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



Chuir siud gruaim air ò hò,
Niall a' Chaisteil, ò hò,
'S dh'fhàg e lionn-dubh, ò hò,
Air a mhacaibh; trom èile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



'S dh'fhàg e lionn-dubh, ò hò,
Air a mhacaibh; ò hò;
Chuala mi ‘n-dè ò hò
Sgeul nach b’ ait leam: trom eile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



Chuala mi ‘n-dè ò hò
Sgeul nach b’ ait leam: ò hò
Glaschu a bhith ò hò
Dol na lasair, trom eile.



Chall èileadh ò hì, chall a horo…



Glaschu a bhith ò hò
Dol na lasair, ò hò,
‘S Obar-Dheathain ò hò
‘N dèidh a chreachadh; trom eile.


Please Note: You may have disabled JavaScript and/or CSS. Although this content will be accessible, certain functionality is unavailable.
Anna Latharna NicGillìosa
Julie Fowlis
Iain MacPhàrlain
Ingrid NicEanraig
Seumas Greumach
Tarmod MacÃŒomhair


About the Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý