Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ

Seumas C. M. Caimbeul

Seumas C. M. Caimbeul

Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich agus bha e ainmeil mar phìobaire agus mar sheinneadair aig an robh iomadh seòrsa òran.

Cha robh Seumas ach bliadhna a dh'aois nuair a ghluais an teaghlach gu ruige Cill Fhaolain an Ceann Tàile. Ghluais iad a-rithist nuair a bha e còig, an turas seo dhan Dòrnaidh.

B' e an sgrìobhaiche 's an deasaiche Iain MacLeòid (Alasdair Mòr) a bha na mhaighstir-sgoile as an Dòrnaidh aig an àm agus rinn e cinnteach gu robh eòlas aig a' chloinn air òrain Ghàidhlig.

Nuair a dh'fhàg Seumas Sgoil a' Phluic aig aois 17, chaidh e a dh'obair do Bhanca na h-Alba as an Dòrnaidh.

Chaidh e dhan arm nuair a thòisich an cogadh agus bha e còmhla ris na Sìophortaich aig Blàr a' Somme. An dèidh sin chaidh e na oifigeach gu rèiseamaid Shasannach agus còmhla riuthasan bha e anns an Èipheit a' sabaid an aghaidh nan Turcach.

An dèidh a' chogaidh chaidh e air ais don Bhanca, ann a' Lunnainn. Cha b' fhada gus an robh e na rùnaire aig Comunn Gàidhlig Lunnainn.

Ghabh e ùidh ann an ceòl agus thòisich e a' gabhail leasain ann an seinn. Chaidh e cuideachd a sheinn còmhla ris an London Select Choir agus sheinn e còmhla riutha fo stiùireadh Sir Thomas Beecham.

Choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn aig Mòd Inbhir Nis sa bhliadhna 1928.

Rinn e chlàraidhean don chompanaidh Columbia agus 's iomadh òran a chlàr e don BhBC agus do Sgoil Eòlais na h-Alba.

Chaochail e sa Ghiblein 1979.

Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.