
Rugadh Rona Lightfoot, Rona EÃ rdsaidh Raghnaill, air 17 Giblean, 1936, agus thogadh i ann an Gearraidh Sheillidh an Uibhist a Deas.
'S ann mar phìobaire òg a thà inig Rona gu aire dhaoine an toiseach, ach an-diugh tha i a' siubhal thall 's a bhos, eadar Èirinn is Ameireagaidh is iomadh à ite san rìoghachd seo fhèin, a' teagasg òrain is ceòl nan Gà idheal do dh'oileanaich, òg is sean.
Tha i math air seinn is tha eòlas farsaing aice air an iomadh gnè òrain a tha an dualchas na Gà idhlig, mar a th' aice air ceòl na pìoba. A bharrachd air a' sin, chan eil duine a chuir seachad beagan ùine na cuideachd nach aontaicheadh gu bheil liut à raid aice air sgeulachd innse.
'S ann dhith a bu dual a bhith na sà r sheinneadair, na sà r phìobaire, agus na sgeulaiche. Thuirt an sgoilear Dòmhnall Eà rdsaidh Dòmhnallach mu Cheit, mà thair Rona:
"She had the good fortune to be born into a family almost incredibly rich in music, in song, in storytelling and in traditional lore of all kinds."
Tha an aon rud fìor mu Rona fhèin. Mar eisimpleir, chan eil, agus cha bhi, fios aig duine cia mheud òran a b' aithne do a mà thair, ach chaidh faisg air dà cheud òran eadar-dhealaichte a chlà radh bhuaipe, agus mòran dhiubh sin a bha fìor ainneamh am measg dhaoine.
B' e seanmhair Rona, Mòr, tè den cheathrar nighean a bh' aig Aonghas mac Eachainn, a bha e fhèin na phìobaire. Phòs Mòr pìobaire ainmeil, Niall Caimbeul, Niall mac Catrìona, agus bha triùir a theaghlach aca - Aonghas a bha cuideachd na phìobaire ainmeil, Ceit, mà thair Rona, agus Mà iri, bean Phà draig an t-Saoir, tè a bha là n òrain is beul-aithris cuideachd.
Rugadh Mòr air 4 Lùnastal, 1867. Cha deach i riamh do sgoil is cha do dh'ionnsaich i Beurla riamh. Ach a dh'aindeoin sin chaidh aice air a dhol gu cosnadh air tìr-mòr agus bha i fhèin is Niall air thaigheadas anns an Òban an dèidh dhaibh pòsadh, mus do thill iad a dh'Uibhist. Ann an Sgoil Eòlais na h-Alba tha còrr is 200 òran is naidheachd a chlà r luchd-cruinneachaidh mar Calum MacIllEathain agus Dòmhnall Eà rdsaidh Dòmhnallach bho Mhòr, agus cuid dhe na clà raidhean sin air an dèanamh is Mòr aois 100 dùinte.
Mar a sgrìobh Dòmhnall Eà rdsaidh Dòmhnallach:
"Mòr Campbell was one of the most remarkable sources of traditional Gaelic song ever recorded by The School of Scottish Studies and certainly one of the most striking characters I have ever met. Despite her obvious intelligence and her wide-ranging expertise in her native traditional culture, Mrs Campbell never learnt to read or write or to speak more than a few words of English. She came to be known in the family as "The Dictionary" as she was the ultimate authority in almost all matters of doubt or dispute relating to the words of Gaelic songs. Mòr Campbell died, still singing, in January 1970, at the age of 102.
Bha ceathrar bhrà ithrean aig Mòr agus b' e fear dhiubh sin a dh'ainmich Dòmhnall Eà rdsaidh Dòmhnallach mar "an sgeulaiche mu dheireadh". B' esan Aonghas 'Beag' mac Aonghais 'ic Eachainn, agus tha cunntas air a' chiad 40 bliadhna dhe bheatha ri leughadh san leabhar Saoghal an Treabhaiche.
Thuirt Fear Chanaidh a sgrìobh sìos na sgeulachdan a chuir Aonghas air teip dha, agus a chuir iad an uair sin an riochd leabhar:
"As a traditional Gaelic storyteller his powers of characterisation and of reproducing dialogue give his autobiography a literary quality altogether above any commonplace account of nineteenth century Scottish rural life. In fact when telling these stories Angus MacLellan possessed a very remarkable capacity for acting the various personalities that appeared in them, and in imitating their voices and even their Gaelic dialects."
Chaochail Aonghas air 6 Mà rt, 1966, 's e trì bhliadhna goirid dhan cheud.
Ach cha b' ann bho taobh a mà thair a-mhà in a fhuair Rona a tà lantan, agus ged a bha a h-athar, Eà rdsaidh Raghnaill, cuideachd na phìobaire, 's dòcha gur ann mar fhear innse naidheachdan is sgeulachdan, tric èibhinn, as fheà rr a tha cuimhne air.
An dèidh a dhol don sgoil an Uibhist agus an uair sin sa Ghearastan, chaidh Rona a Ghlaschu a dh'ionnsachadh a bhith na banaltram.
Phòs i Tony Lightfoot bho chionn còrr air 50 bliadhna agus tha aon ghille aca. 'S ann aig muir a bha Tony fad a bheatha obrach agus bhiodh Rona tric a' falbh air bhòidsichean còmhla ris, a' siubhal an t-saoghail leis a' phìob na cois.
Ged a bhiodh i a' gabhail pà irt ann am farpaisean an Uibhist bho bha i glè òg, aig an à m bha boireannaich air am bacadh bho mhòran de na farpaisean pìobaireachd. Chothaich Rona an aghaidh seo, agus 's i a' chiad bhoireannach a ghabh pà irt as an fharpais ainmeil a bha air a ruith le Comann Pìobaireachd Lunnainn, a' Bhratach Ghorm, ged nach do leig iad ann i ach an aon turas.
Tha Rona agus Tony an-diugh a' fuireach an Inbhir Nis. Tha i air aon CD a dhèanamh agus tha fèill oirre an iomadh à ite mar sheinneadair, mar phìobaire, mar neach-teagaisg agus mar bhean-an-taighe a bheireadh gà ire air gamhainn.
Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.