Ged a tha Mà iri NicLeòid, Mà iri Nighean Alasdair Ruaidh na bana-bhà rd ainmeil 's e glè bheag de dh'fhiosrachadh a tha ri fhaighinn mu beatha. Ann am prògram a rinn e mu deidhinn air Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal, mhìnich am bà rd agus an sgoilear, an t-Ollamh Ruaraidh MacThòmais, carson a tha i cho sònraichte:
"Bha bà rdachd molaidh ga dèanamh le bà ird aig an robh dreuchd shònraichte ann an teaghlaichean nan ceann-cinnidh. Bha na bà ird sin a' toirt bhliadhnachan ag ionnsachadh an ceaìrd ann an sgoiltean bà rdachd agus bha cà nan sònraichte aca, agus dh'fheumadh iad a bhith eòlach air eachdraidh 's air sgeul. Tha iad a' moladh nan ceann-cinnidh 's an teaghlaichean agus uaireannan a' cà ineadh an nà imhdean. Bha fearann aca agus iomadach duais eile mu choinneamh na h-obrach seo.
Ach aig aon à m bha bà ird eile ann, a bha ag obair anns an t-saoghal eile, a' saoghal aca fhèin agus a' cleachdadh cainnt an t-sluaigh airson òrain a dhèanamh air gaol is bàs is banais is sealg is cath, is ceudan de rudan ris an robh iad a' tachairt.
Tha cas aig MÃ iri Nighean Alasdair Ruaidh as gach campa.
Ged nach b' e bà rd ionnsaichte a bh' innte as an t-seann dòigh, dh'ionnsaich i na modhan molaidh agus dh'fhuaigh i iad ri ceòl bà rdachd an t-sluaigh. Cha b' e gu robh i na h-aonar ris a' cheà ird seo, 's cha b' i a' chiad duine a rinn seo, ach bha fìor shnas air an obair aice agus mhair gu leòr dhith ann an cuimhne dhaoine gu ainm sònraichte a thoirt dhith."
Bha Mà iri do theaghlach uasal, Clann Alasdair Ruaidh, meur de Chloinn 'ic Leòid aig an robh Hiort, am measg à iteachan eile. Tha deasbad ann a thaobh cà ite an d' rugadh i, le cuid a' cumail a-mach gun d' rugadh i ann an Roghadal sna Hearadh timcheall air 1569 agus cuid eile ag rà dh gun d' rugadh i mun bhliadhna 1615, agus gur e ban Sgitheanach a bh' innte.
Tha e coltach gun do chuir i ùine seachad am Beà rnaraigh na Hearadh, aig Tobhta nan Craobh faisg air taigh Shir Tormod, agus gu robh i tric anns an Eilean Sgitheanach. Gabhaidh cinn-latha, eadar 1646 agus 1705, a chuir air a' bhà rdachd a th' againn leatha.
Bha Mà iri na banaltram aig dithis de Chloinn Choinnich na Comraich agus do Cloinn 'ic Leòid ri linn còignear chinn-feadhna - Iain Mòr, a mhac Ruaraidh, Iain Breac, a mhac-san Ruaraidh, agus Tormod.
Ach bha spèis shònraichte aice do Shir Tormod Bheà rnaraigh, an treas mac a bha aig Ruaraidh Mòr, a chaochail air 3 Mà rt, 1705:
Dh'fhalbh mo shòlas:
Marbh mo Leòdach
Calma cròdha
Meanmach ròghlic;
Dhearbh mo sgeòil-sa
Seanchas eòlais
Gun chearb foghlaim:
Dealbhach ròghlan t-èagasg.
An treas là den Mhà irt
Dh'fhalbh m' aighear gu brà th
B' i siud saighead mo chrà idh
Bhith 'g amharc do bhà is
A ghnùis fhlathasach à ilt
A dheagh mhic rathail
An à rmuinn euchdaich.
Bha Seumas Mac Ille Mhìcheil MacBhà tair, a dheasaich leabhar de a cuid òrain, den bheachd gun do chuir MacLeòid Dhùn Bheagain An Clà rsair Dall agus Mà iri às an eilean a chionn 's gu robh Pà rlamaid Alba an aghaidh nam bà ird, a bha, mar a bha iadsan a' meas chùisean, a' cumail beò seann chleachdaidhean agus seann nà imhdeas an aghaidh nan Gall agus an aghaidh luchd-riaghlaidh Alba.
Mar a mhìnich an sgoilear, An t-Ollamh Iain MacAonghais air Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal:
"Bha na bà ird nan luchd-labhairt, a' cur an cèill eachdraidh nan Gà idheal agus gum bu chòir do na Gà idheil, agus an cinn-cinnidh gu sònraichte, na seann chleachdaidhean a leantainn, an cà nan 's an ceòl 's a h-uile cà il a bhuineadh do chultur an t-sluaigh.
"Bha Pà rlamaid Alba a' faicinn gur e droch rud a bha sin, ma bha iad a' dol a dh'fheuchainn ri na Gà idheil a mhùchadh mar a bha iad a' feuchainn ri dhèanamh. Ma dh'fhaodte gun d' thuirt MacLeòid ri Mà iri i Dùn Bheagain fhà gail chionns gu robh i a' tarraing nà imhdeas, no 's dòcha gu do roghnaich i fhèin falbh greis."
"Is muladach mi o cheann seachdain, is mi an eilean gun fhiar gun fhasgadh..." tha Mà iri ag rà dh anns an Tuireadh, agus ann an Luinneag MhicLeòid:
Bha mi uair nach do shaoil mi
Gus an do chaochail air m' aimsir
Gun tiginn an taobh seo
Dh'amhairc Dhiùraidh à Scarbaidh.
A rèir beul-aithris bhiodh seòrsa de ghuailleachan tartan air Mà iri agus na là imh bhiodh bata le ceann airgid. Bha e air aithris gu robh i dèidheil air tombaca agus air snaoisean, agus bha am bà rd Uilleam Ros a' cumail a-mach nach diùltadh i drama.
A rèir beul-aithris cuideachd bha Mà iri Nighean Alasdair Ruaidh 105 nuair a dh'eug i, agus bha sgeulachdan co-cheangailte ri sin, mar a dh'innis Iain MacAonghais:
"Nuair a thà inig à m a bà is dh'iarr i air daoine a tìodhlacadh is a beul foidhpe, gus am biodh "beul nam breug" foidhpe, mar gum biodh air a dhùnadh.
"Tha naidheachdan ann air feadh na Crìosdachd mu luchd-sgrìobhaidh agus mu bhà ird agus mu iomadach seòrsa duine, nuair a thà inig iad faisg air à m bà is, gu d' thuirt iad riutha fhèin, "Chan eil as na bha mi a' dèanamh ach dìomhanas nan dìomhanas." Tha mi a' smaoineachadh gur e leithid a naidheachd a bha sin."
Rinn fear de Chloinn 'ic Cruimein, pìobairean Chloinn 'ic Leòid ann an Dùn Bheagain, a' phìobaireachd Cumha Mà iri Nighean Alasdair Ruaidh, a' comharrachadh a bà is.
Tha i air a tiodhlacadh as na Hearadh agus tha na h-òrain aice leithid 'An Talla bu Ghnà th le MacLeòid', 'Marbhrann do Iain Mac Ghille Chaluim Ratharsaidh', Luinneag MhicLeòid, 'Crònan an Taibh', agus 'Cumha do Shir Tormod MacLeòid' air an seinn fhathast.
A rèir Iain MhicAonghais:
"Tha a' bhà rdachd, an seòrsa a rinn Mà iri Nighean Alasdair Ruaidh agus, aig an aon à m, Iain Lom agus, glè fhaisg air an aon à m cuideachd, Eachann Bacach ann am Muile, a' moladh, a' moladh, a' moladh, chan a-mhà in a' chinn-chinnidh ach a' moladh na fine air fad.
"Thug iad do bhà rdachd Ghà idhlig, tha mi smaoineachadh, a snuadh agus a tuar sònraichte air chor 's na faiceadh tu a' bhà rdachd sin air a h-eadar-theangachadh gu teanga sam bith eile, cà nan sam bith eile air an t-saoghal, chanadh tu, "O, 's e Gà idhlig Albannach a tha seo. 'S e seo bà rdachd nan Gaidheal Albannach".
Agus tha mi smaoineachadh gun do stèidhich Mà iri Nighean Alasdair Ruaidh agus Iain Lom cuideachd, crìochan agus ballachan-crìche na bà rdachd againne agus gun do rinn iad cruinneachadh de chuspairean air a bheil sinn ag obair chun an là an-diugh."
Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.