Rugadh Mà iri NicÌomhair ann an 1841, nighean le Murchadh MacÌomhair, Murchadh Thormoid, agus Mà iri Mhoireasdan a bhuineadh do dh'Eilean Phabaigh air taobh siar Leòdhais. Bha an teaghlach aig aon à m aig 1, An Cnìp agus an uair sin aig 25, Bhaltos.
Ged a rugadh Mà iri air Pabaigh, cha robh i ach bliadhna a dh'aois nuair a chaidh an t-eilean fhà sachadh, agus ghluais an teaghlach gu tìr-mòr Leòdhais. B' e "Bliadhnach Phabaigh" a chante rithe.
Chaidh Mà iri gu ruige Ameireaga, ach, mar a tha follaiseach anns an t-òran, Òran Mà iri Dhall (Smuaintean an Eilthirich), cha do chòrd e idir rithe. Bha e air a rà dh gur e na rinn i de chaoineadh leis a' chianalas a dh'fhà g i dall.
An dèidh mòran bhliadhnaichean chaidh aice air tilleadh air ais a dh'Ùig agus bha i a' fuireach ann a' Bhaltos gus na chaochail i ann an 1920.
Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.