
Rugadh Kirsteen NicDhòmhnaill air 18 Dùbhlachd, 1983. Thogadh i ann an Inbhir Nis, ged is ann à Polnish, Loch Àilleart ann an sgìre Mhùideart a bha a mà thair, Marjorie Nic a' Phearsain nach maireann, agus 's ann à Baile Eilidh a tha a h-athair, Tommy MacDhòmhnaill.
Chaidh Kirsteen gu Bun-sgoil a' Mheadhain ann an Inbhir Nis far an d' fhuair i foghlam tro mheadhan na Gà idhlig, agus an uair sin gu Àrd-sgoil Allt na Muilne. Cha robh facal Gà idhlig anns an dachaigh ged a bha Gà idhlig aig athair a mà thar.
Thòisich Kirsteen a' seinn aig aois gu math òg. 'S i an tidsear aice, Lisa Storey, a bhrosnaich i an toiseach gus pà irt a ghabhail ann an co-fharpaisean nam Mòdan Ionadail agus Nà iseanta. Bhon uair sin tha i air a bhith dha-rìribh dèidheil air seinn ann an Gà idhlig. Ann an Àrd-sgoil Allt na Muilne bha Seònaid NicGrìogair gu dìcheallach ga cuideachadh le òrain a' Mhòid agus òrain a sheinneadh i aig cèilidhean agus cuirmean.
Chaidh i tro foghlam à rd-ìre aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach, far an do cheumnaich i le BA (le Urram) ann an Cà nan agus Cultair na Gà idhlig. Fhad 's a bha i aig Sabhal Mòr 's i Cairistìona Primrose a bha ga cuideachadh agus a' toirt comhairle dhith a thaobh òrain.
Bho cheumnaich i tha Kirsteen air a bhith ag obair aig a' BhBC, an toiseach air prògram na cloinne Dè a-nis?, an uair sin na neach-naidheachd aig Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gà idheal. Tha i a-nise a' lìbhrigeadh na h-aimsir air an telebhisean air Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ ALBA agus do Reporting Scotland an-drà sta is a-rithist, ged tha i fhathast ag aithris na naidheachdan air Radio nan Gà idheal gu math tric.
Bhuannaich Kirsteen Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an 2006 aig Mòd Dhun Omhain le cuideachadh a' deasachadh bho Cheana Chaimbeul. Fhuair i an Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 2008 anns an Eaglais Bhric, agus Bonn Òr Tìm an Òbain ann an 2009 aig Mòd an Òbain. Tha i cuideachd na ball de Cheòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu.
Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.