Tha na ceathramhan òran is à bhaist a bhith air an seinn fon ainm Creag Uanach air an toirt à dà n fada, no 's dòcha grunn dhà in a tha air a dhol an ceann a chèile, ris an canar 'Òran na Comhachaig'. Rinneadh e le Dòmhnall, mac Fhionnlaigh nan Dà n, a bha beò san dara leth den t-siathamh linn deug.
Ged a bhuineadh e do Dhòmhnallaich Ghlinne Comhann, bha cuideachd ceangal aige ri Dòmhnallaich na Ceapaich. A rèir coltais bha e na shealgair ainmeil anns an dùthaich sin eadar Gleann Comhann, Raineach agus Brà ighe Loch Abair. A rèir beul-aithris bha e cho sgileil ri duine a bha an Alba ri linn le bogha is saighead.
Bha naidheachd ann cuideachd ag innse mar a thà inig e gus an dà n seo a dhèanamh. A rèir na sgeòil bha e suas ann am bliadhnaichean nuair a phòs e tè a bha gu math na b' òige na e fhèin, tè a bha cuideachd a' cà nran gun abhsadh ris a' bhà rd agus ris an t-seann chù a bha aige.
Aon latha thà inig i dhachaigh is seann thruaghag de chomhachag aice na là imh. Thilg i gu Dòmhnall i, ag rà dh gu robh a' chomhachag na bu fhreagarraiche mar chompanach dha na bha ise. Seo "comhachag bhochd na Sròine" a dhùisg am bà rd gu òran.
Tha grunn chuspairean ann an 'Òran na Comhachaig'. Tha an toiseach còmhradh ann eadar am bà rd agus a' chomhachag:
A chomhachag bhochd na Sròine
A-nochd is brònach do leaba,
'S ma bha thu ann ri linn Donnghail
'S beag iongnadh gur trom leat d' aigne.
Gur comhaois mise don daraig
O bha h-aillean beag sa chòinnich
'S iomadh à l a chuir mi romham
'S mi comhachag bhochd na Sròine.
Tha an t-sealg air a moladh san dà n, mar a tha cinn-cinnidh nan Dòmhnallach:
Chunnaic mi Alasdair carrach,
Duine b' allail bha an Alb' e
'S tric a bha mi seal ga èisteachd
'S e ri rèiteach an tuim-shealga.
Tha am bà rd cuideachd a' leigeil soraidh le à iteachan a bha, gu follaiseach, dlùth dha chridhe agus e a' meòrachadh air an aois a tha laighe air:
Thus', an aois, chan eil thu meachair
Giodh nach fheadamar do sheachnadh;
Cromaidh tu 'n duine bhios dìreach
Dh'fhà sas gu fionalta gasda.
Agus giorraichidh tu shaoghal
Agus caolaichidh tu chasan;
Is fà gaidh tu cheann gun deudach
Is ni thu eudann a chasadh.
A' sgrìobhadh mun òran anns an leabhar Duanaire na Sracaire (Birlinn, 2007) tha an luchd-deasachaidh, Wilson MacLeòid agus Meg Bateman, ag rà dh mu 'Òran na Comhachaig':
"Tha pailteas de dh'ainmean-à ite air an ainmeachadh anns an dà n, a' comharrachadh sgìre bho Loch Lìobhann mu dheas gu Spithean mu thuath, bho Bheinn Nibheis mun iar gu Beinn Eallair mun ear.
Aig teas-meadhan an òrain tha crìochan Loch Trèig agus gu h-à raidh Creag Uanach, cnoc aig iar-dheas an locha. Air gualainn Creag Uanaich (no is dòcha Garbh-bheinne, a tha faisg oirre) tha an t-Sròn, agus is ann an co-cheangal ri seo a tha a' chomhachag ga h-ainmeachadh fhèin mar 'comhachag bhochd na Sròine'"
Tha cuimhneachan air Dòmhnall mac Fhionnlaigh nan Dà n taobh a-muigh an dorais aig Cille Choireil faisg air an Drochaid Ruaidh.
Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.