
Bha Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gà idhlig ma dh'fhaodte gur e an stiùiriche as ainmeil a bh' ann a-riamh.
Rugadh e ann an Grianaig air 10 Dùbhlachd, 1902, agus b' ann anns a' bhaile sin a thogadh e. Bhuineadh a theaghlach air taobh athair do Thairbeart Loch Fìn, far an robh iad nan tà illearan. Ged a bha a sheanair na phoileas ann an Grianaig, lean athair ceaìrd an teaghlaich agus dh'fhosgail e bùth tà illeireachd sa bhaile.
B' ann à Taigh a' Bhealaich, ann am Meadhan Earra-Ghà idheil, a thà inig cuideachd a mhà thair. Thogadh Calum ann an taigh anns an robh Gà idhlig air a bruidhinn, ged nach robh e fhèin buileach fileanta.
Nuair a dh'fhà g Calum an sgoil chaidh e a dh'obair anns an oifig aig Harland & Wolff, companaidh a bha ainmeil airson bà taichean a thogail.
Ann an 1925, agus am Mòd ann an Grianaig, chaidh iarraidh air Còisir Ghà idhlig Ghrianaig a ghabhail thairis. Fo a stiùir, choisinn iad prìomh dhuais nan còisirean, Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdainn dà thuras. Aig an à m sin bha e cuideachd a' cluich an òrgain ann an Eaglais Srà id Sir Mìcheal ann an Grianaig.
Air a cheann fhèin agus ga dhèanamh pà irt-ùine mar a b' urrainn dha, bha Calum cuideachd a' faighinn ionnsachadh foirmeil ann an ceòl. Choisinn e urram L.R.A.M., Licentiate of the Royal Academy of Music agus A.R.C.O., Associate of the Royal College of Organists, agus chaidh e a dh'obair mar neach-teagasg ciùil do Sgoil Cheann Loch Chille Chiarain ann an 1933.
Anns an 28 bliadhna a bha e na stiùiriche air Còisir Ghà idhlig Cheann Loch Chille Chiarain choisinn iad barrachd dhuaisean na choisinn còisir sam bith eile aig a' Mhòd Nà iseanta. Gu h-à raidh anns na leth-cheudan, chan robh an samhail ann.
Choisinn iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdainn aona uair deug agus feumar cuimhneachadh rè nam bliadhnachan sin nach robh Mòdan ann airson ochd bliadhna air sgà th a' chogaidh. Bha Calum cuideachd a' cluiche an òrgain agus os cionn na còisir ann an Eaglais Shaor Aonaichte Cheann Loch.
Bha e na neach-comhairle agus na fhear brosnachaidh uair neo uaireigin do Rose MacConnachie a fhuair am Bonn Òr ann an 1946; do Dhòmhnall MacAlasdair a choisinn Sgiath MhicShimidh ann an 1957 le Còisir Ghà idhlig Ghrianaig; do Shìne NicIllìosa a fhuair am prìomh dhuais le Còisir an Òbain ann an 1994 agus do Choinneach MacThòmais, a choisinn am Bonn Òr ann an 1979 agus a tha air a bhith cho soirbheachail a' stiùireadh Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu.
'S e Raibeart, mac Chaluim a thòisich Còisir Innse Gall Ghlaschu ann an 1968. Choisinn iadsan Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdainn trì tursan, ann an 1985, 1986 agus 1992. Leig Raibeart dheth an t-uallach ann an 2000 agus sgaoil Còisir Innse Gall Ghlaschu goirid an dèidh sin.
Chaochail Calum MacCaluim air 9 Faoilleach, 1961, aig aois 58. Cha robh duine riamh cho soirbheachail ris ann am prìomh fharpais nan còisirean aig a' Mhòd. Thairis air 30 bliadhna choisinn e am prìomh dhuais trì uairean deug, dà thuras le Còisir Ghà idhlig Ghrianaig agus aon uair deug le Còisir Ghà idhlig Cheann Loch Chille Chiarain.
Ghabh Rose McConnachie thairis an còisir an dèidh a bhà is agus choisinn iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdainn dà uair eile anns na trì ficheadan. Ged a chùm an Còisir a' dol gu 1988 cha robh iad idir cho soirbheachail an dèidh 1966, an turas mu dheireadh a choisinn iad am prìomh dhuais.
Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.