Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ

Anna NicDhòmhnaill, Ceap Breatainn

A rèir an leabhair Guthan Prìseil, deasaichte le Anne Landin, a chaidh fhoillseachadh ann an 2010 ann an Ceap Breatainn, b' i Anna Dhòmhnallach nighean le Dùghall Dòmhnallach, Dùghall Alasdair 'ic Dhòmhnaill 'ic Dhòmhnaill Bhàin Onorach, agus Màiri Pheutan, nighean Alasdair MacDhòmhnaill Pheutain, a bhuineadh do iar dheas Mhàbou air Eilean Cheap Breatann.

Phòs Anna Cailean Dòmhnallach, Collie Iain Shandaidh, agus bha iad a' fuireach ann am Port Hawkesbury.

A' bruidhinn mu deidhinn air Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ Radio nan Gàidheal thuirt Seumas MacBhàtair, a rinn prògraman air òrain agus seinneadairean Cheap Breatainn mar phàirt de Bhliadhna nan Ã’ran 2010:

"Tha cuimhne agamsa a bhith a' tachairt rithe turas na dhà fhad 's a bha i a' fuireach sa Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ as a' Ghut, no ann am Port Hawkesbury mar a dh'abradh iad cuideachd, agus cha robh innte ach dìreach boireannach beag, beag, bìodach, ach abair deagh bhan-òranaiche."

Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.