Òran air a sgrìobhadh le: an t-Urr. raghnall macFhraing agus air a sheinn le: dòmhnall sutherland agus dòmhnall grannd, eileen docherty agus tony kearney agus amanda millen.
This is a song written by: an t-Urr. raghnall macFhraing and sung by: dòmhnall sutherland agus dòmhnall grannd, eileen docherty and tony kearney agus amanda millen.
Mo ghaol, mo ghrà dh, is m' eudail thu!
Gur m' iùnntas ùr is m' aoibhneas thu!
Mo mhacan à lainn, ceutach thu!
Chan fhiù mi fhìn a bhi 'd dhà il
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
Mo ghaol an t-sùil a sheallas tlà !
Mo ghaol an cridh' tha lìont' le grà dh!
Ged is leanabh thu gun chà il
'S lìonmhor buaidh tha ort a' fà s.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
Tha mi ag altram Rìgh na Mòrachd!
'S mise mà thair Dhè na Glòrach!
Nach buidhe, nach sona dhomhsa!
Tha mo chrìdhe là n de shòlas.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
'S tu Rìgh nan Rìgh, 's tu Naomh nan Naomh,
Dia am Mac thu 's siorraidh t-aois,
'S tu mo Dhia 's mo leanabh caomh,
'S tu à rd Cheann-feadhna chinne-daonda.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
'S tusa grian gheal an dòchais
Chuireas dorchadas air fògairt,
Bheir thu clann-daoin' bho staid bhrònaich
Gu naomhachd, soilleireachd, is eòlas.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
Hosanna do Mhac Dhaibhidh,
Mo Rìgh, mo Thighearna, 's mo Shlà naighear!
'S mòr mo shòlas bhi gad thà ladh,
'S beannaichte measg nam mnà i mi.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.