Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Bà rd Bhaile Mhà rtainn) agus air a sheinn le: dòmhnall macCuaig.
This is a song written by: Iain MacIllEathain (Bà rd Bhaile Mhà rtainn) and sung by: dòmhnall macCuaig.
Gur muladach mise 's mi 'n seo gun duin' idir
A thogas, no thuigeas, no sheinneas leam dà n;
Le dùrachd mo chridhe, soiridh slà n leis na gillean
A sheòl thar na linne gu Manitobà .
Bu ghrianach ar madainn nuair bha sinn nar balaich,
Gun chùram, gun ghearain, gun teannachadh mà il;
Le ceòl is là n aigheir, cha laigheadh an smalan
Air a' chomann a bh' againn am Baile nam BÃ rd.
Mi 'm shuidhe gu h-uaigneach air tulaichean uaine
Tha nithean gam bhuaireadh nach cualas le cà ch;
Mi caoidh nam fear sunndach bha ceanalta, cliùiteach,
Dh'fhà g eilean an dùthchais 's an cùl ris gu brà th.
'S nuair a rà inig a' mhadainn gu dol air an aineol
'S a thionail gach caraid a bh' aca san à it',
Chan urra mi aithris am bròn a bh' air m' aire
'S an cùl ris a' bhaile sa mhadainn Dimà irt.
'S e faileas nan daoine 's nach sgarach an saoghal
'S e 's fasan dha daonnan bhith caochladh gach latha;
Nar coigrich air uachdar, cha mhaireann 's cha bhuan sinn
Is mìltean de thruaghain gam fuadach thar sà il.
Tha luchd-fhearainn shaoir as an à m seo ro-ghaolach
Air stòras an t-saoghail a shlaodadh bho chà ch;
'S bidh innealan baoghalt' sa Ghà idhealtachd daonnan
Gu fògradh nan daoine, 's cur chaorach nan à it'.
'S chan fhaic mi san à m seo ach caoraich air bheanntan:
Chan eil as a' ghleann ach fear Gallda no dhà :
'S Am beagan a dh'fhan dhiubh air rudhachan mara
Gan iomain gu cladach 's gam feannadh le mà l.
Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.