Òran air a sgrìobhadh le: calum macLeòid (Calum Cuddy) agus air a sheinn le: pà draig mac a' ghobhainn (Pà draig a' Choisich).
This is a song written by: calum macLeòid (Calum Cuddy) and sung by: pà draig mac a' ghobhainn (Pà draig a' Choisich).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
'S e nochd oidhche bhatail mhòir,
'S tha gach aon againn air dòigh,
Le rifle 's biodag thruis nar dòrn
Air bruaichean ciùin El Alamein.
Tha 'n t-anmoch nis ri tarraing dlùth,
Tha ghealach togail ceann sna neòil,
'S tha balaich chalma ri cur cùrs
Gu tulaich à rd El Alamein.
'S beag mo chà il bhith 'n seo an-drà st';
'S mòr gum b' à ill leam a bhith tà mh
An Eilean Leòdhais le mo ghrà dh
Fo sgà il Fir Bhrèige Chalanais.
Ach siud am Fifty-first ²¹²Ô-²õÃ ²õ,
Seòid na b' fheà rr cha deach gu blà r,
Na Sìophorts, 's Camshronaich 's Earra-Ghà idheal
Cur smùid ast' len cuid bhiodagan.
Tha nise seachdain agus còrr
Bho chuir mi na rainn-s' air dòigh,
Tha Rommel le chuid Afric Corp
Air ruaig air falbh bho Alamein.
Is cha robh buaidh bha siud gun phrìs,
Phà igh sinn air le fuil ar cridh';
Tha sinn fà gail mìltean sìnt'
San uaigh an ùir El Alamein.
Chan eil an seo ach dùthaich thruagh,
Chan eil deoch innte no biadh;
Bully Beef is briosgaid chruaidh,
'S e siud am biadh tha againne.
Bu shuarach leam bhith greis gun bhiadh,
Greis gun thà mh 's greis gun dìon,
Ach tart ro mhòr thug bhuam mo chiall
'S a dh'fhà g mi 'n-diugh ri fannachadh.
Is ged tha teas na fà saich mhòir
Ga mo phianadh 's ga mo leòn,
Nam faighinn-s' innte là n mo bheòil
De dh'uisge fuar cha ghearaininn.
Nan robh agam an seo an-drà st'
Cothrom air an Tobair Bhà in
Chan fhà gainn i gum biodh i trà ight'
Ged bhiodh innt' na galanan.
Copyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.