Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich) agus Seumas Caimbeul.
This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich) and Seumas Caimbeul.
Tha sgiathan na h-oidhche gan sgaoileadh a-nall,
'S an ceò air a lùbadh mu stùcan nam beann;
Tha deòir air mo shùilean 's gun m' aigne ach fann;
Air m' fhà gail nam aonar a' caoineadh sa ghleann.
Tha eunlaith nan geugan a' gleusadh an rann,
'S a' leumnaich le sòlas 's ri ceòl feadh nan crann;
Tha 'n à lach mun cuairt dhaibh gu h-uallach a' danns;
Ach à lach mo ghaoil-sa gach aon diubh air chall.
Tha mo chiabhagan tana 's tha claisean nam ghruaidh
Oir tha cèile mo ghrà idh-sa na sìneadh san uaigh;
Agus triùir dhe mo phà istean bu bhlà thmhoire greann
Nan sìneadh fo leacan a'chlachain ud thall.
Ged tha eòin bheag a' Chèitein a' trèigsinn nan tom
Nuair a chòmhdaicheas reòtachd is dòrainn am fonn
Bheir samhradh mun cuairt iad gu bruaichibh nan allt
Ach cà irdean mo ghaoil-sa cha taobh iad an gleann.
Tha na fà rdaichean blà tha bha 'g à rach nan sonn
Bu shuilbhire gà ire 's bu bhà igheile com
Far am b' fhà bharach cà irdeas don à nrachan lom
Nan là raichean fà sail air cnà mh gus am bonn.
Chan fhaicear am buachaill a' ruagail mun chrò,
No banarach ghuanach le buaraich na dòrn;
Bu bhinn leam a duanagan uallach gun ghò,
Le cuailein ma guaillean mar dhualan den òr.
Chan eil clà rsach no siùnnsair gar dùsgadh le ceòl;
'S tha mac-talla na shuain ann an uaimhean nam fròg;
'S na laoich a bha lùthmhor mu stùcan a' cheò,
Rinn fòirneart an sgiùrsadh bho dhùthaich an òig.
Ach sìth do na dh'fhalbh agus buaidh leis na seòid
Tha m' fheasgar-s' air ciaradh 's mo ghrian fo na neòil;
Chan fhad' gus an crìonar mo chiabhan fon fhòd
Far an caisgear gach pian 's an tèid crìoch air gach bron.

Rugadh Iain MacLeòid, Iain a' Bhodaich, ann an Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas air 1 Samhain, 1931. B' e Dòmhnall Murdo Thormoid 'an 'ic Dhòmhnaill athair ...
Fiosrachadh air Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich) / Learn more about Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich)
Rugadh Seumas Caimbeul a th' againn a' seinn an òrain, as a' Ghnìopa, san Eilean Sgitheanach ann a' 1945, an latha mu dheireadh den Dà rna ...
Fiosrachadh air Seumas Caimbeul / Learn more about Seumas CaimbeulCopyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.