Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair Stiùbhart agus air a sheinn le: Art MacCarmaig.
This is a song written by: Alasdair Stiùbhart and sung by: Art MacCarmaig.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
A Mhà iri bhòidheach 's a Mhà iri ghaolach,
A Mhà iri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort,
A Mhà iri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi,
'S a dh'fhà g mi brònach gun dòigh air d' fhaotainn.
A Mhà iri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort;
Gur tric mi cuimhneachadh ort 's mi m' aonar;
Ged a shiùbhlainn gach ceum den t-saoghal,
Bidh t' ìomhaigh bhòidheach tighinn beò gach taobh dhìom.
'S truagh nach robh mi 's mo Mhà iri bhòidheach
Ann an gleannan faoin is ceò air;
'S ged bu Rìgh mi san Roinn Eòrpa,
Chan iarrainn pòg ach o Mhà iri bhòidheach.
Ach chithear fèidh air sgèith sna speuran
'S chithear iasg air à ird nan slèibhtean
Chithear sneachda dubh air gheugan
Mum faicear caochladh tighinn air mo ghaol dhut.
O Mhà iri, lughdaich thu mo chiall dhomh;
Tha mo chridh' le do ghaol air lìonadh;
Tha gach latha ann am fad mar bhliadhna,
Mur faic mi t' aodann a tha mar ghrian dhomh.
Cò chì mo Mhà iri 's is urrainn à icheadh
Gu bheil a chridhe laist' le grà dh dhith?
Thug i barrachd ann an à illeachd
Thar gach maise tha fàs san à l seo.
Do shùilean meallach fod mhala bhòidhich,
Do bhilean tana air dhath nan ròsan,
Slios mar chanach an gleannan mòintich,
'S do ghruaidh mar chaorann fo sgèith nam mòr-bheann.
CÃ ite am faicear san t-saoghal bean t' aogais,
Chan eil i idir ann ri fhaotainn,
Am maise, 'n tuigse 's an deagh bheusan,
Tha thu ro à rda os cionn gach aon dhiubh.
Fhir a shiùbhlas thar tonnan uaibhreach,
A dh'ionnsaigh Innsibh cian nan cuantaibh;
Thoir gach sìod' agus nì tha luachmhor,
Dh'ionnsaigh Mhà iri a rinn mo bhuaireadh.
Eòin as moiche a thèid air sgiathaibh,
'S a thèid à rda anns an iarmailt,
Na biodh latha anns a' bhliadhna,
'S nach seinn thu ceòl do mo Mhà iri chiataich.
Ach cha dèan eala air slios nam mòr-thonn,
Cha dèan smeòrach am badan bòidheach,
Cha dèan gach inneal-ciùil ach crònan
Nuair a sheinneas mo Mhà iri bhòidheach.
Ged a bhiodh mi gu tùrsach cianail,
'S mi le cùram air mo lìonadh,
Nì do ghnùis-sa a tha mar ghrian dhomh,
Mo chridhe sunndach nuair thig thu m' fhianais.
Gu ma slà n do mo Mhà iri bhòidheach,
Ge b' e à ite sam bidh i còmhnaidh;
'S e mo ghuidh-sa am fad 's is beò mi,
Gum bi gach sòlas aig Mà iri bhòidheach.

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaigCopyright © 2015 Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.