Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Somhairle MacGill-Eain, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacThòmais, R. (An Geamhradh 1977-78) Reothairt is Contraigh, taghadh de dhaìn 1932-72, le Somhairle MacGill-Eain.
Gairm, 101, td. 94

"Dhe na 71 dà in a th' anns an leabhar, sgrìobhadh 55 ro 1945, agus 16 bhon uair sin. Tha an cruinneachadh seo a' toirt beachd cothromach don leughadair air saothair a' bhà ird, agus is math gu bheil e ri fhaotainn a-nis. Chì sinn gur h-e prìomh chuspairean na bà rdachd aige, na faireachdainnean aige fhèin (gu h-à raidh fo bhuaidh a' ghaoil), eachdraidh, agus poilitigs, agus uaireannan tha na cuspairean sin gu lèir air an snìomh ri chèile ann an dòigh a tha glè sgileil is là n ùidhe. Bha mòran de na dà in air an sgrìobhadh nuair a bha Cogadh na Spà inne a' dol, air neo ùr an cuimhne dhaoine, 's dh'fhà g sin là rach air a' bhà rdachd, mar a dh'fhà g beachdan Co-mhaoineach is Nà iseantach cuideachd. Tha na beachdan as daingne anns an taghadh seo, ach tha iad ann an sin fhathast, ged is ann air na Sòisealaich as motha bhios McGill-Eain a' leigeil a thaic an-diugh – no 's dòcha gur h-ann a tha feadhainn eile a' cur sin air a mhanadh. Poilitigs ann no à s, tha mòran de dheagh bhà rdachd an seo, agus 's e sin an rud a sheasas.
Saoilidh mi gur e adhbhar duilgheadais a th' ann nach do dh'fhà g MacGill-Eain an ruith-dhà n "Dà in do Eimhir" slà n mar a bha e. Tha e air còig air fichead de na dà in a bh' anns a' chiad ruith-dhà n (1943) a thoirt dhuinn an seo, agus trì eile a bhuineadh dha ach a chaidh an clò an toiseach an Lines 34, agus tha e air ceithir air fhichead fhà gail à s. Gun teagamh, bha mòran dhiubh sin goirid... agus bha feadhainn eile ann nach buineadh gu coileanta don ruith-dhà n...
Togaidh an taghadh seo, agus an t-òrdugh a th' air, mòran cheistean am measg eòlaichean, 's cha mhiste sinn sin. Agus tha Dà in do Eimhir ann fhathast, gu tilleadh thuca nuair a theirgeas an t-annas."
Caimbeul Hay, D. (An t-Earrach 1978) Do Shomhairle MacIlleathain.
Gairm, 102, td. 157
MacThòmais, R. (An Geamhradh 1990) O Choille gu Bearradh.
Gairm, 150, td186

"..dearbhadh dhuinn aon uair eile, gur h-e na dà in gaoil a rinneadh o chionn leth-cheud bliadhna as prìseile fhathast. Sin an fheadhainn a mhaireas, agus do na h-eòlaich co-dhiù mairidh iad anns a' chruth a bh'orra ann an 1943. Cha bu chòir seo a bhith na bhriseadh dùil no na adhbhar dragh don bhà rd. Cha do sgrìobh Burns facal nach robh sgrìobhte aige mus robh e ochd-deug air fhichead, 's tha deagh chuimhne air fhathast."
Meek, D. E. (2002) An Aghaigh na Sìorraidheachd?
Bà ird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gà idhlig 2000. Oilthigh Obar dheathain, Roinn na Ceiltis
"Cho luath 's a thogas duine an cuspair seo – na bà ird agus an creideamh Crìosdail anns an fhicheadamh linn – bidh an luchd-èisteachd, no cuid mhath dhiubh co-dhiù, buailteach a bhith a' smaoineachadh nach robh bà ird na ficheadamh linn, agus gu h-à raidh na baìrd a bhios a' cleachdadh nua-bhà rdachd, a' dèanamh sìon ach a' cà ineadh na h-eaglaise, agus bidh iad buailteach cuideachd a bhith a' smaointeachadh gur e rud ùr a tha an sin, rud a tha coimheach agus air taobh a-muigh crìochan an dualchais...
Gun teagamh, tha MacGill-Eain a' togail casaid an aghaidh na h-eaglaise, ach 's e a tha ga bhioradh nach do thog an eagalis a guth an aghaidh aintighearnas is sà rachadh an t-sluaigh. 'S e an t-anam agus an spiorad an aon rud a b' fhiach don eaglais. Ach chan eil sin co-ionann ri bhith a' cur na sgine ann an cridhe a' chreideimh. 'S e tagradh an aghaidh anaceartas a tha anns an dà n seo (Ban-Ghà idheal). Gheibhear an aon seòrsa seallaidh 's tha aig MacGill-Eain ann an "diadhachd na saorsa), 's e sin liberation theology, mar a their sinn ris an-diugh. Thà inig an diadhachd sin gu aire dhaoine ann an Ameireaga a Deas agus ann an Afraga anns an dara leth den fhicheadamh linn, agus gu h-à raidh anns an dualchas Chaitligeach. Dh'fhaodamaid a' Bhan-Ghà idheal aig MacGill-Eain ath-chruthachadh mar bhean à Ecuador, no à Soweto...
Feumaidh sinn na linntean a dh'fhalbh a thoirt fa-near, ach tha e a cheart cho cudromach gum bi an sealladh a tha againn air an là an-diugh cothromach. Tha barrachd cothromachaidh anns an dealbh mhòr na bhios cuid ag aideachadh. Ma chuireas sinn gach dà n air leth leis fhèin, bidh sinn buailteach a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh a rèir sealladh a' bhà ird anns an dearbh mhionaid anns an do rinn e /i an dà n sin. Ma dhìochuimhnicheas sinn na beachdan a bhios an clò aig na bà ird ann an rosg a bharrachd air dà n, bidh an dealbh a' sìor fhàs nas cumhainge. Mar eisimpleir, tha sinn uile glè eòlach air "Ban-Gà idheal" MhicGill-Eain, ach a bheil sinn cho eòlach air a' mholadh a bha aige air na searmonaichean cumhachdadh a chuala e na òige ann an Ratharsair, no air an dòigh anns an do dh'atharraich a bheachdan rè nam bliadhnachan air a' bhuaidh a bha aig creud chumhang nan Saor Chlèireach air dualchas na Gà idhlig anns an eilean sin agus air feadh na Gà idhealtachd?"
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Iain Urachadan a' coinneachadh ris a' bhà rd air Brag
Somhairle MacGill-Eain: ...tha Beinn Lì shuas an siud. 'S e Beinn Lì as ainmeile a gheibhear ann an eachdraidh. Agus siud Scouser, tha mòran dhaoine ann an Scouser.
Iain Urachadan: Tha na daoine an sin is mòran dhaoine eile tro na bliadhnaichean, agus òigridh na Gà idhealtachd air a bhith uabhasach fhèin fortanach am beairteas de bhà rdachd a bh'againn agus chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil duine sam bith cho fortanach is a tha mi fhèin an-diugh a bhith a cuide ri Somhairle MacGillEain, prìomh bhà rd na Gà idhlig.
SM: Ist, ist, ist!
IU: Tha i a-nise a' fàs caran fuar a-muigh. An gluais sinn a-steach dhan an dachaigh an-drà sta agus nì sinn beagan còmhraidh.
A Mhaighstir MhicGhill-Eain, tha an leabhar ùr agaibh p'fhèin, O Choille Gu Bearradh anns na bùithtean an-drà sta, ciamar a tha sibh a' faireachdain mu dheidhinn?
SM: Uill tha mi a' faireachdain glè mhath, ach gun do dh'fhà g mi rudan ro fhada. Bha còir aig an leabhar a bhith a-mach o chionn greis mhòr. Ach b' e mo coire fhèin a bha sin, cha b' e coire luchd-foillsichidh. Rinn iadsan anabarrach.
IU: Is tha mu fhichead dà n a bharrachd ann an seo na bh' anns...
SM: an fhear mu dheireadh. Uill tha mi cinnteach gu bheil, ach mòran dheth, 's e seann dà in air a bheil an t-ainm An Cuilthionn, mòran a bharrachd dheth is bha an clò a-riamh. Ach chùm rud na dhà mi. Chaill mi mu dà fhichead no leth-cheud dà n. Cha d'fhuair mi riamh iad.
IU: Is a bheil sibh p'fhèin a' faireachdainn gu bheil O Choille gu Bearradh ag innse cò a th' ann an Somhairle MacGill-Eain?
SM: Uill, air dòigh, tha. Ach nan biodh an dà fhichead no leth chiad a tha air chall ann, bhiodh e ag innse, dh'fhaodadh gum biodh e ag innse cus!
IU: Tha cunntas anns an leabhar seo a-nise a' dol air ais barrachd air leth chiad bliadhna. Nam faigheadh sibh p'fhèin an cothrom an-drà sta stiùireadh a thoirt do dhaoine òga sam bith a bha airson bà rdachd a sgrìobhadh, dè bhiodh an sin?
SM – Uill bha mi dà bhliadhna ann an Dùn Èideann a' feuchainn ri sin a dhèanamh, ann am Beurla agus ann an Gà idhlig agus eadhon feadhainn aig an robh Frangais. Agus 's e rud anabarrach doirbh a th' ann.
Tha mi a' smaoineachadh anns a' chiad à ite gu robh còir aig duine an cà nan a bhith aige, anabarrach math. Agus cuideachd, cha robh còir aige rudan a chur an clò sa mhionaid a bha iad sgrìobhte. Bha còir aige am fà gail greis agus am faicinn ach uaireannan chan eil sin ceart. Uaireannan 's e a chiad rud mar a thig e as fheà rr. Ach uaireannan eile, bheil fios agad, gabhaidh duine sgreamh air rudan a rinn e aig an à m. Agus tha mise caran buailteach sgreamh a ghabhail air na rudan a rinn mi fhèin.
Tha e feumail gum biodh fios aig daoine air dè chaidh romhpa, oir tha mise a' smaoineachadh gu bheil bà rdachd mhìorbhaileach ann an Gà idhlig, gu h-à raidh ann am mòran dhe na h-òrain. Agus cuideachd, mar as motha a dh'òlas duine de na rudan sin, 's ann as comasaiche a bhios e air Gà idhlig cheart bhlasta, cheart an grà mar agus blasta a chur an cèill.
IU: A bheil sinn a' dol a dh'fhaicinn barrachd dhen an sgrìobhadh aig Somhairle MacGill-Eain anns na bùithtean anns na bliadhnaichean a tha romhainn?
SM: Uill chan eil fhios 'am. Dh'fhaodadh gum bi, dh'fhaodadh nach bi. Tha mi a' fàs sean.
Tha mi dol a leughadh dà n nach eil mi a' leughadh tric, Dol an Iar. Nis, feumaidh mi a rà dh, mus do dh'fhalbh mise gu cogadh, rinn mi amadan dhìom fhèin le boireannach. Chan e rud air a bheil nà ire sam bith agam. Chan eil idir, idir, idir. Ach dh'fhaodadh duine amadan a dhèanamh dhe fhèin, chan ann le bhith suarach ach le rudan eile, mearachdan...
Air adhart gu
CeanglaicheanÄ¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.