Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Camhanaich
- Bu tu camhanaich air a' Chuilitheann
- 's latha suilbhir air a' Chlà raich,
- grian air a h-uilinn anns an òr-shruth
- agus ròs geal bristeadh fà ire.
- Lainnir sheòl air linne ghrianaich,
- gorm a' chuain is iarmailt à r-bhuidh,
- an òg-mhadainn 'na do chuailean
- 's 'na do ghruaidhean soilleir à lainn.
- Mo leug camhanaich is oidhche
- t' aodann is do choibhneas grà dhach,
- ged tha bior glas an dòlais
- tro chliabh m' òg-mhaidne sà thte.
Camhanaich
Chun a seo, cha robh san dà n ach ìomhaighean air bòidhchead, dòchas agus beatha. A-nise tha rud eile a' gearradh tarsaing air a sin.
Tha fuaim cruaidh aig an fhacal 'bior' agus 's e rud geur, leòinteach a tha ann am bior, rud a nì milleadh agus crà dh.
Tha am bior 'glas', chan ann soilleir, deà rrsach mar na h-ìomhaighean ron seo.
Tha dòlas a' ciallachadh bròn, milleadh, olc.
Tha seo uile a' gearradh tro mheadhan cridhe a' ghaoil, tron 'mhadainn' aca, a' bagairt cur às dha.
Tha MacGill-eain an seo a' sealltainn mar a tha e air a tharraing eadar grà dh do nighinn, 's e sin a thoileachas pearsanta, agus an t-uallach a tha air mu na tha de olc agus de fhulangas anns an t-saoghal agus an dleastanas a tha e a' faireachdainn gus rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn. Tha e a' leudachadh air a seo ann an grunn de na dà in ann an Dà in do Eimhir.
