Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Camhanaich
- Bu tu camhanaich air a' Chuilitheann
- 's latha suilbhir air a' Chlà raich,
- grian air a h-uilinn anns an òr-shruth
- agus ròs geal bristeadh fà ire.
- Lainnir sheòl air linne ghrianaich,
- gorm a' chuain is iarmailt à r-bhuidh,
- an òg-mhadainn 'na do chuailean
- 's 'na do ghruaidhean soilleir à ±ô²¹¾±²Ô²Ô.
- Mo leug camhanaich is oidhche
- t' aodann is do choibhneas grà dhach,
- ged tha bior glas an dòlais
- tro chliabh m' òg-mhaidne sà thte.
Camhanaich
Ìomhaighean eile air a leannan agus an grà dh a tha aca dha chèile: sin, latha brèagha air a' mhuir faisg air a dhachaigh ann an Ratharsair agus a' ghrian a' deà rrsadh.
Tha a' ghrian an còmhnaidh a' samhlachadh blà ths agus beatha. Tha 'grian air a h-uilinn' a' ciallachadh gun robh faileas na grèine a' sìneadh a-mach air a' mhuir chiùin ach tha e cuideachd ag rà dh gu bheil a h-uile cà il aig fois, mar a bhios tu nuair a tha thu 'air d' uilinn'.
