
Chaidh Somhairle a thogail ann an dachaigh far an d'fhuair e oideachadh ann an eachdraidh agus dualchas na Gà idhlig agus na Gà idhealtachd. Ghabh e fhèin ri Sòisealachd nuair a bha e mu 12 bliadhna.
Chuir e eòlas air bà rdachd anns a' bhun-sgoil agus bha e fhèin a' sgrìobhadh ann an Gà idhlig agus ann am Beurla mus deach e dhan Oilthigh.
Cheumnaich e le Urram ann an Cà nan is Litreachas na Beurla ann an 1933 agus an dèidh ceum teagaisg, thill e air ais dhan Eilean Sgitheanach a theagaisg Beurla ann an Àrd-sgoil Phort-rìgh. Bha e cuideachd a' teagaisg ann am Muile, Àrd-sgoil Bhoroughmuir an Dùn Èideann agus Hawick ron Dà rna Cogadh.
Tron chogadh, bha e eadar Sasainn 's An Èipheit gus an deach a leòn aig Blà r El Alamein ann an 1942. Chaidh a thilleadh dhachaigh san Lùnastal 1943.
An dèidh a' chogaidh, chaidh e air ais gu Àrd-sgoil Bhoroughmuir a theagaisg agus choinnich e ri Rìnidh Chamshron. Phòs iad ann an Inbhir Nis san Iuchar 1946 agus bha triùir nighean aca. Ghluais iad dhan Phloc ann an 1956 nuair a fhuair Somhairle dreuchd Ceannard Àrd-sgoil A' Phluic. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1972 agus ghluais iad chun Bhrà ighe san Eilean Sgitheanach.
Chùm Somhairle air a' sgrìobhadh bho bha e glè òg ged a b' ann eadar 1970 agus 1980 a thòisich a' mhòr-shluagh a' cur eòlas air a bhà rdachd. Nochd na dà in aige ann an iomadh iris is chaidh grunn leabhraichean den bhà rdachd aige fhoillseachadh, nam measg 17 poems for 6d cuide ri Robert Garrioch (1940), Dà in do Èimhir (1943), Reothairt is Conntraigh (1977) agus O Choille gu Bearradh (1989).
Choisinn e cliù dha fhèin gu h-eadar-nà iseanta agus chaidh iomadh duais a thoirt dha. Nam measg Bonn Ã’ir na Bà nrigh airson µþà °ù»å²¹³¦³ó»å ann an 1990 agus Duais Mhic a' Bhaidh-thaigh airson Litreachas. Chaidh iomadh ceum urramach a thoirt dha cuideachd, nam measg fear bho Oilthigh Nà iseanta na h-Èireann ann an 1979 agus ceum bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1996.
Chaochail Somhairle MacGill-Eain air an 24mh den t-Samhain 1996.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Chaidh saorsa an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse a thoirt dhan bhà rd an 1984
Iain Fearchar Rothach: Mar chomhairle, bha sinn uabhasach toilichte sin a dhèanamh – chan ann a h-uile latha a gheibh sinn an cothrom duine a tha cho ainmeil ri Somhairle a bhith a' fuireach anns an sgìre againn. Chan e gu bheil e a' fuireach san sgìre againn, ach gum buin e dhan an sgìre againn. Mar as trice, ma tha duine ainmeil sam bith às an sgire, tha'd a' tarraing an casan air falbh às an à ite ach mar a tha fhios aig a h-uile duine, buinidh Somhairle dhan à ite agus tha a chridhe anns an à ite, agus bha e uabhasach freagarrach gun tug muinntir an à ite an saoranachd a tha seo dha. Chan eil mi fhèin dhen bheachd gu bheil duine san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse nas freagarraiche na Somhairle airson seo a thoirt dha.
Iain Moireach: A Shomhairle, dè a tha an t-urram a tha seo a' ciallachadh dhut fhèin gu pearsanta?
Somhairle MacGill-Eain: Tha e a' ciallachadh mòran, fìor mhòran. Tha fhios agad gu bheil mise na mo Sgitheanach agus na mo Ratharsarach agus gu robh cuid de mo dhaoine, gun tà inig iad à Loch Aillse bho chionn dà cheud gu leth bliadhna. Bha fhios aca gur ann à Loch Aillse a thà inig iad agus cò an cà irdean ann an Loch Aillse. Bha mi sia bliadhna deug ann an Sgoil a' Phluic ann an Loch Aillse agus bha ise a' faighinn oileanaich, chan ann a-mhà in à Loch Aillse, ach à Cinn Tà ile 's às Gleann Eilige agus mu dheireadh bha sinn a' faighinn feadhainn à Loch Carron agus mar sin tha an t-urram nas farsainge na bhith anns an Eilean Sgitheanach agus à Loch Aillse leotha fhèin oir tha Loch Aillse a' ciallachadh anns an t-seagh seo Cinn Tà ile agus Gleann Eilige agus dh'fhaodadh nach eil fhios agaibh, tha mòran Sgiathanach an Gleann Eilige no sliochd Sgiathanaich a chaidh ann as dèidh a' chiad chogaidh agus tha mi a' smaoineachadh mar sin gur e an t-urram a b' fheà rr a b'urrainn dhomh fhaighinn oir thà inig e 'o mo dhùthaich fhèin agus 'o farsaingeachd mo dhùthaich fhèin.
Iain Moireach: Tha e follaiseach gu bheil, chan e a-mhà in, ceanglaichean agad gu math teann a' dol air ais ceudan bhliadhnaichean ris an à ite 's an dùthaich a tha mun cuairt ach gu bheil na ceanglaichean sin glè bheò nad inntinn fhèin a Shomhairle a h-uile latha. Dè chanadh tu a shaoileadh do sheanair nam biodh e gad fhaicinn an-diugh a' faighinn an urraim a fhuair thu?
Somhairle MacGill-Eain: Chan eil fhios 'am dè chanadh e idir mu dheidhinn ach bhiodh e air a dhòigh ceart gu leòr. Bhiodh e, mo sheanair air taobh Chlann 'IcNeacail, bha esan na Sgitheanach gu chùl. Mo sheanair air taobh Chlann Ill-Eathain, chan fhaca mi a-riamh e oir chaochail e nuair nach robh m'athar ach mu dheich bliadhna. Bhiodh mo sheanmhair, mathar m'athar, anabarrach toilichte gun tà inig pà irt dheth à Loch Aillse oir thà inig a cuideachd à Loch Aillse bho chionn dà cheud is leth cheud bliadhna – b' e clann IcMhathain a bh' annta. Agus bha barail mhòr aice air muinntir Loch Aillse 's gu h-à raidh Clann IcMhathain 's bha fios aice cò bha cà irdeach dhith. Tha mi smaoineachadh nam biodh mo sheanair, Somhairle Mòr, gum biodh barrachd uaill aige nam b' e duine mòr, là idir a bh' annam mar a bh' ann e fhèin.
Iain Moireach: Uill tha neart is neart ann agus tha e follaiseach gu bheilear air urram a chur air an neart à raid a th' agad fhèin agus tha sinn còmhla ri cà ch a' cur meal-an-naidheachd ort an-diugh.
Somhairle MacGill-Eain: Tapadh leibhse gu dearbha agus thoir mo bheannachdan dha mòran de mo chà irdean ann an Leòdhas oir tha mòran an Leòdhas air a bheil mi glè dhèidheil agus bidh.
Iain Moireach: Cha b' e saorsa na sgìre an t-aon urram a chaidh a chur air Somhairle MacGill-Eain an latha a bha sin, rinn Iain MacPhà idean port pìoba gu h-à raidh dha agus chaidh sin a chluich le Raghnall Monk anns an talla ann am Port Rìgh.
Air adhart gu
CuspaireanÄ¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.