Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Niall MacLeòid, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
Meek, D. E. (2003)
""Nuair a Chuimhnicheam an Cuilithionn": Àite Samhlachail na Tìre is Cruth na Tìre ann am µþà °ù»å²¹³¦³ó»å Ghà idhlig na Naoidheamh linn Deug" ann an Cruth na Tìre, dd. 18-20

Gu tric gheibhear an dà chuid an dealbh là idir is an dealbh lag – an dealbh seadhach agus an dealbh tiamhaidh, neo-sheadhadh – taobh ri taobh 's iad a' dol an aghaidh a chèile. Tha an cothlamadh seo a' dùsgadh cianalais is ionndrainn agus tha e anabarrach follaiseach anns an òran aig Niall MacLeòid, "Fà ilte don Eilean Sgiathanach". Is dòcha gur h-e seo an t-òran dùthcha as fhèarr a rinn Niall. Tha samhladh air leth là idir aige den Chuilithionn – an t-Àrd-mhaitheas – aig toiseach an dà in. Gheibhear an uair sin dòrlach de na samhlaidhean a bha air am mìneachadh aig Seumas Beattie...air an cur còmhla; ach tha an còrr den dà n (an dèidh s. 25) air a lìonadh le mulad is bròn is caoidh airson nam feartan 's nan là ithean a dh'aom. Tha gach nì a tha math air bà sachadh, agus 's e an Cuilithionn a-mhà in a tha a' mairsinn...
Tha e follaiseach bho na dealbhan aig toiseach an dà in gu robh Niall glè mhoiteil às an Eilean Sgiathanach, agus gu robh e comasach air a' mhoit sin a chur an cèill le tomhas de neart. Tha greadhnachas gruamach an Eilein air a dheagh riochdachadh (ss. 1-24), agus tha uaisleachd is cumhachd anns an dealbh. Ach gu mì-fhortanach cha robh Niall fhèin comasach air neart nam beann a chur gu feum dhà fhèin neo da shluaigh anns an linn san robh e beò. Bha a smuaintean uile air a' choimhearsnachd a bh' ann o shean, mar a bha smuaintean Dhonnchaidh Bhà in is Iain MhicLachlainn is Uilleim MhicDhunlèibhe. Tha an "leòghann" (s. 10) a' samhlachadh neart is mòralachd nam beann, ach tha I cuideachd a' riochdachadh cumhachd nan là ithean a dh' fhalbh, agus 's e sin as adhbhar gu bheil Niall a' dol fodha a' cheann thall ann am boglaichean na tiamhaidheachd. Tha an sealladh a' sìor theà rnadh leis an leathad, agus 's e dìlseachd a dh'aindeoin a' chaochlaidh do choimhearsnachd mharbh – agus chan e dìlseachd do choimhearsnachd bheò – ceann-crìche an dà in seo (ss. 65-72).
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Bha ceòl ceangailte ris a' bhà rdachd
Chan eil mise smaoineachadh gun urrainn dhuinn measadh a thoirt air gun cheòl. Bha ceòl cho cudromach, fiù 's suas chun an à m sin fhèin, bha bà rdachd Gà idhlig air a faicinn mar bhà rdachd le ceòl, bha ceòl ceangailte rithe. 'S ann dìreach anns a' ghinealach a bha sin de bhà ird a dh'atharraich, a thòisich an gnothach ag atharrachadh, 's bha daoine a' dèanamh bà rdachd nach robhar am beachd ceòl a chuir rithe, dìreach airson a leughadh no a h-aithris.
Tha leithid an òran, A' Bhean Agam Fhìn, tha ruitheam innte sin, ann an dòigh 's e port a th' innte, 's e ruidhle a th' innte, fairichidh tu dìreach a' ruidhle ag èirigh bho do chasan. Mar sin, dh'fhaodadh tu aithris gun cheòl, ach tha e na beothaile buileach leis a' cheòl, chan eil teagamh air a sin.
Tha an ceòl daonann a' cuir ri bà rdachd, tha mi dearbhte às a' sin. A' sealltainn air ais air a' bhà rdachd a bh' agam fhìn san sgoil, agus bu toil leam bà rdachd, ach an uair sin thà inig mi gu bhith faighinn a-mach gu robh tòrr dhen a' bhà rdachd mhòr a bha sin, gu robh fuinn ann ris an gabhadh 'ad seinn, agus thug sin gu ìre eile a' rud a bh' air a chruthachadh, rinn e dìreach mìorbhail dheth, agus feumaidh an t-òran a bhith air a mheasadh còmhla ris a' cheòl, chan eil teagamh agam mu dheidhinn sin.
Air adhart gu
CeanglaicheanÄ¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.