Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Niall MacLeòid, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
Meek, D. E. (2003)
""Nuair a Chuimhnicheam an Cuilithionn": Àite Samhlachail na Tìre is Cruth na Tìre ann am µþà °ù»å²¹³¦³ó»å Ghà idhlig na Naoidheamh linn Deug" ann an Cruth na Tìre, dd. 18-20

Gu tric gheibhear an dà chuid an dealbh là idir is an dealbh lag – an dealbh seadhach agus an dealbh tiamhaidh, neo-sheadhadh – taobh ri taobh 's iad a' dol an aghaidh a chèile. Tha an cothlamadh seo a' dùsgadh cianalais is ionndrainn agus tha e anabarrach follaiseach anns an òran aig Niall MacLeòid, "Fà ilte don Eilean Sgiathanach". Is dòcha gur h-e seo an t-òran dùthcha as fhèarr a rinn Niall. Tha samhladh air leth là idir aige den Chuilithionn – an t-Àrd-mhaitheas – aig toiseach an dà in. Gheibhear an uair sin dòrlach de na samhlaidhean a bha air am mìneachadh aig Seumas Beattie...air an cur còmhla; ach tha an còrr den dà n (an dèidh s. 25) air a lìonadh le mulad is bròn is caoidh airson nam feartan 's nan là ithean a dh'aom. Tha gach nì a tha math air bà sachadh, agus 's e an Cuilithionn a-mhà in a tha a' mairsinn...
Tha e follaiseach bho na dealbhan aig toiseach an dà in gu robh Niall glè mhoiteil às an Eilean Sgiathanach, agus gu robh e comasach air a' mhoit sin a chur an cèill le tomhas de neart. Tha greadhnachas gruamach an Eilein air a dheagh riochdachadh (ss. 1-24), agus tha uaisleachd is cumhachd anns an dealbh. Ach gu mì-fhortanach cha robh Niall fhèin comasach air neart nam beann a chur gu feum dhà fhèin neo da shluaigh anns an linn san robh e beò. Bha a smuaintean uile air a' choimhearsnachd a bh' ann o shean, mar a bha smuaintean Dhonnchaidh Bhà in is Iain MhicLachlainn is Uilleim MhicDhunlèibhe. Tha an "leòghann" (s. 10) a' samhlachadh neart is mòralachd nam beann, ach tha I cuideachd a' riochdachadh cumhachd nan là ithean a dh' fhalbh, agus 's e sin as adhbhar gu bheil Niall a' dol fodha a' cheann thall ann am boglaichean na tiamhaidheachd. Tha an sealladh a' sìor theà rnadh leis an leathad, agus 's e dìlseachd a dh'aindeoin a' chaochlaidh do choimhearsnachd mharbh – agus chan e dìlseachd do choimhearsnachd bheò – ceann-crìche an dà in seo (ss. 65-72).
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Bha bhà rdachd aige a' còrdadh ris an t-sluagh
'S toigh leam i o chionn gu faigh thu thuice cho furasta. Tha i coltach ri chocolate buttons, pà irt dhi! Faodaidh tu dìreach a togail agus tha thu staigh anns a' ghnothach, gun strì.
'S toigh leam bà rdachd dhen h-uile seòrsa ach 's toigh leam measgachadh de dhoimhneachd, ma thogras tu. Chan eil a' bhà rdachd aig Niall domhainn, chan eil mi smaoineachadh gu robh e a' ciallachadh bà rdachd mhòr dhomhainn a dhèanamh. Bha e dèanamh bà rdachd a bha a' còrdadh ris an t-sluagh agus abair gun do chòrd - tha i fhathast air beulaibh an t-sluaigh, agus 's e sin an rud a tha cho math mu deidhinn. Tha grinneas innte, tha sgil à raid aige air faclan a chruinneachadh a tha a' freagairt air an t-suidheachadh, 's air an snaigheadh ri chèile agus ruitheam glan, cinnteach a' ruith trompa. Tha sin à raid mu deidhinn, 's toigh leam sin.
'S toigh leam Fà ilte don Eilean Sgitheanach – tha mi cinnteach gu bheil adhbhar no dhà air an sin. Tha òran beag eile ann, 's chan eil fhios am carson as toigh leam e, ach dìreach gu bheil e èibhinn agus tha mi, mar a bha A Bhean Agam Fhìn, tha mi gu math cinnteach nach eil e idir, idir fìor, agus 's e sin Òran na Seana Mhaighdinn. Chan eil uair a chluinneas mi an t-òran sin, no sheallas mi air, no leughas mi e 's a thig mi chun an deireadh far a bheil i cantainn:
"B'fheà rr leam cadal na mo bhrat 'S a bhith mireag ris a' chat Na aig burraidh bhith fo smachd Seachndadh a' chuid sin mi"
Agus bheir e gà ire ort, 's mar a thuirt mi mar-thà , chan eil sìon nas fheà rr na gà ire airson aotramachadh a thoirt air air cor d'inntinn agus cor do chuirp.
Air adhart gu
CeanglaicheanÄ¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.