Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Niall MacLeòid, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
Meek, D. E. (2003)
""Nuair a Chuimhnicheam an Cuilithionn": Àite Samhlachail na Tìre is Cruth na Tìre ann am µþà °ù»å²¹³¦³ó»å Ghà idhlig na Naoidheamh linn Deug" ann an Cruth na Tìre, dd. 18-20

Gu tric gheibhear an dà chuid an dealbh là idir is an dealbh lag – an dealbh seadhach agus an dealbh tiamhaidh, neo-sheadhadh – taobh ri taobh 's iad a' dol an aghaidh a chèile. Tha an cothlamadh seo a' dùsgadh cianalais is ionndrainn agus tha e anabarrach follaiseach anns an òran aig Niall MacLeòid, "Fà ilte don Eilean Sgiathanach". Is dòcha gur h-e seo an t-òran dùthcha as fhèarr a rinn Niall. Tha samhladh air leth là idir aige den Chuilithionn – an t-Àrd-mhaitheas – aig toiseach an dà in. Gheibhear an uair sin dòrlach de na samhlaidhean a bha air am mìneachadh aig Seumas Beattie...air an cur còmhla; ach tha an còrr den dà n (an dèidh s. 25) air a lìonadh le mulad is bròn is caoidh airson nam feartan 's nan là ithean a dh'aom. Tha gach nì a tha math air bà sachadh, agus 's e an Cuilithionn a-mhà in a tha a' mairsinn...
Tha e follaiseach bho na dealbhan aig toiseach an dà in gu robh Niall glè mhoiteil às an Eilean Sgiathanach, agus gu robh e comasach air a' mhoit sin a chur an cèill le tomhas de neart. Tha greadhnachas gruamach an Eilein air a dheagh riochdachadh (ss. 1-24), agus tha uaisleachd is cumhachd anns an dealbh. Ach gu mì-fhortanach cha robh Niall fhèin comasach air neart nam beann a chur gu feum dhà fhèin neo da shluaigh anns an linn san robh e beò. Bha a smuaintean uile air a' choimhearsnachd a bh' ann o shean, mar a bha smuaintean Dhonnchaidh Bhà in is Iain MhicLachlainn is Uilleim MhicDhunlèibhe. Tha an "leòghann" (s. 10) a' samhlachadh neart is mòralachd nam beann, ach tha I cuideachd a' riochdachadh cumhachd nan là ithean a dh' fhalbh, agus 's e sin as adhbhar gu bheil Niall a' dol fodha a' cheann thall ann am boglaichean na tiamhaidheachd. Tha an sealladh a' sìor theà rnadh leis an leathad, agus 's e dìlseachd a dh'aindeoin a' chaochlaidh do choimhearsnachd mharbh – agus chan e dìlseachd do choimhearsnachd bheò – ceann-crìche an dà in seo (ss. 65-72).
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Bha buaidh aig a' Ghalltachd air a' bhà rdachd aige
Tha mi creisdsinn gu robh buaidh, o, tha e soilleir gu robh buaidh aig a' Ghalldachd air a' bhà rdachd aige agus tha mi cinnteach gu robh dà thaobh air an sin.
Tha e soilleir gu robh e ag èisteachd 's a' cluinntinn agus a' toirt fa-near bà rdachd eile ann am Beurla 's ann an Albais mu chuairt air, 's gu robh sin a' còrdadh ris, o chionn bha e gabhail cuid a dh'òrain leithid When the Kye Come Hame, fear a chleachd e mar stèidh anns An Gleann san Robh mi Òg agus feadhainn eile cuideachd, gu robh iad sin a còrdadh ris, agus bha iad na bu shìmplidhe na bha an t-seann bhà rdachd, an t-seann mheadrachd as a' Ghà idhlig.
Bha a' bhà rdachd a bha e a' cluinntinn air Ghalltachd, bha i gu math na bu shìmplidhe na an t-seann bhà rdachd Gà idhlig agus bha seo a' còrdadh ris fhèin. Bha e còrdadh ris a bhith dèanamh, ann an dòigh, a' taghadh 's a' snaigheadh na faclan gus an laigheadh iad a-staigh ri chèile gu grinn. Bha sin a mi-chòrdadh ri cuid, ach bha e a' còrdadh gu mòr ris an luchd-èisteachd a bh' aige. Cha b' ann a-mhà in sna bailtean mòra a bhiodh daoine ga èisteachd 's a' gabhail nan òrain, bha gan gabhail air feadh na dùthcha, o cheann gu ceann den dùthaich.
Air adhart gu
CeanglaicheanÄ¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.