Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Niall MacLeòid, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
Meek, D. E. (2003)
""Nuair a Chuimhnicheam an Cuilithionn": Àite Samhlachail na Tìre is Cruth na Tìre ann am µþà °ù»å²¹³¦³ó»å Ghà idhlig na Naoidheamh linn Deug" ann an Cruth na Tìre, dd. 18-20

Gu tric gheibhear an dà chuid an dealbh là idir is an dealbh lag – an dealbh seadhach agus an dealbh tiamhaidh, neo-sheadhadh – taobh ri taobh 's iad a' dol an aghaidh a chèile. Tha an cothlamadh seo a' dùsgadh cianalais is ionndrainn agus tha e anabarrach follaiseach anns an òran aig Niall MacLeòid, "Fà ilte don Eilean Sgiathanach". Is dòcha gur h-e seo an t-òran dùthcha as fhèarr a rinn Niall. Tha samhladh air leth là idir aige den Chuilithionn – an t-Àrd-mhaitheas – aig toiseach an dà in. Gheibhear an uair sin dòrlach de na samhlaidhean a bha air am mìneachadh aig Seumas Beattie...air an cur còmhla; ach tha an còrr den dà n (an dèidh s. 25) air a lìonadh le mulad is bròn is caoidh airson nam feartan 's nan là ithean a dh'aom. Tha gach nì a tha math air bà sachadh, agus 's e an Cuilithionn a-mhà in a tha a' mairsinn...
Tha e follaiseach bho na dealbhan aig toiseach an dà in gu robh Niall glè mhoiteil às an Eilean Sgiathanach, agus gu robh e comasach air a' mhoit sin a chur an cèill le tomhas de neart. Tha greadhnachas gruamach an Eilein air a dheagh riochdachadh (ss. 1-24), agus tha uaisleachd is cumhachd anns an dealbh. Ach gu mì-fhortanach cha robh Niall fhèin comasach air neart nam beann a chur gu feum dhà fhèin neo da shluaigh anns an linn san robh e beò. Bha a smuaintean uile air a' choimhearsnachd a bh' ann o shean, mar a bha smuaintean Dhonnchaidh Bhà in is Iain MhicLachlainn is Uilleim MhicDhunlèibhe. Tha an "leòghann" (s. 10) a' samhlachadh neart is mòralachd nam beann, ach tha I cuideachd a' riochdachadh cumhachd nan là ithean a dh' fhalbh, agus 's e sin as adhbhar gu bheil Niall a' dol fodha a' cheann thall ann am boglaichean na tiamhaidheachd. Tha an sealladh a' sìor theà rnadh leis an leathad, agus 's e dìlseachd a dh'aindeoin a' chaochlaidh do choimhearsnachd mharbh – agus chan e dìlseachd do choimhearsnachd bheò – ceann-crìche an dà in seo (ss. 65-72).
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Bha e a' dèanamh dealbhan bòidheach
Ma sheallas tu air leithid An Gleann san Robh mi Òg, tha e a' dèanamh dealbhan cho bòidheach, a h-uile rud cho brèagha. Ach chan eil guth, 's dòcha gu bheil dà loidhne, taighean a' dol fà s, rudan mar sin, ach chan eil guth air na daoine agus bha 'd ann an tèis-mheadhan aimhreit an fhearainn. Agus carson nach tug e iomradh air an sin, iomradh na bu chruaidhe no na bu shoilleire? 'S e ceist mhòr a tha sin.
Air adhart gu
CeanglaicheanÄ¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.