Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
FÃ ilte don Eilean Sgitheanach
- O, failt' air do stùcan,
- Do choireachan ùdlaidh,
- Do bheanntainean sùghmhor
- Far an siùbhlach am meann!
- Tha 'n geamhradh le Dhùbhlachd
- Mu na meallaibh a' dùnadh,
- 'S gach doire le bhùirean
- Air a rùsgadh gu bonn.
- Chì mi an Cuilitheann
- Mar leòmhann gun tioma,
- Le fheusaig den t-sneachd
- Air a phasgadh mu cheann;
- 'S a ghruaidhean a' srùthladh
- Le easannan smùideach
- Tha tuiteam nan lùban
- Gu ùrlar nan gleann.
- Do chreagan gu h-uaibhreach
- Mar challaid mun cuairt dut,
- 'S na neòil air an iomairt
- A' filleadh mum bà rr,
- 'S am bonn air a sguabadh
- Le srùthlaichean gruamach
- Bho bhà rcadh a' chuain
- A' toirt nuallain air trà igh.
- O, cà it 'eil na gaisgich
- A dh'Ã raich do ghlacan
- Bu shuilbhire macnas
- Mu stacan a' cheò?
- Le fùdar ga sgailceadh
- Bhon cuilbhearan glana,
- 'S na mial-choin nan deannaibh,
- Nach fannaich san tòir.
- Na laoich nach robh meata
- Ri aodann a' bhatail,
- Nach aomadh gu taise
- Ri caismeachd an nà mh;
- Chan eil raon agus machair
- Air 'n do sgaoil iad am bratach
- Nach d' fhà g iad an eachdraidh
- Gun mhasladh dan à l.
- Ach tha 'm fà rdaichean sguabte
- 'S an seòmraichean uaine,
- Iad fhèin is an gaisge
- Nan cadal fon fhòd;
- 'S tha osag nam fuar-bheann
- Le h-osnaidhean gruamach
- Gan caoidh mu na cruachan
- 'S a' luaidh air an glòir.
- O, cà it 'eil gach sòlas
- Bha agam nam òige,
- Toirt meal' às na ròsan
- Mud chòsagan tlà th?
- Tha companaich m' eòlais
- Air am fuadach bhon còmhnaidh,
- Tha mhil air a deòthal
- 'S na ròsan gun bhlà th.
- Ach 's caomh leam do ghleanntan,
- Do shrathan 's do bheanntan,
- 'S an ceò tha na chadal
- Air baideal nan à rd;
- Na ciabhagan torrach,
- Na srònagan corrach,
- 'S na sruthan ri coireal
- Don eilid 's da h-Ã l.
- Guma buan a bhios d' eachdraidh,
- Agus cliù aig do mhacaibh,
- Gus an crìonar an talamh
- 'S am paisgear na neòil!
- Fhad 's bhios siaban na mara
- A' bualadh air carraig,
- Bidh mo dhùrachd gun deireas
- Do dh'Eilean a' Cheò!
FÃ ilte don Eilean Sgitheanach
Tha am bà rd a' cleachdadh ìomhaigh ghaisgeil an seo den eilean agus ga cumail a' dol tron rann, m.e. na beanntan mar leòmhann, leis an t-sneachda mar a mhuing agus na h-easan mar dheòir a' ruith sìos aghaidh. Tha e a' cleachdadh fuaimean goirid, cruaidh airson nam beanntan ach a' dol air ais gun 'ù' fhada airson nan uisgeachan a' dòrtadh.
Tha seo uile air a chumail a' dol san ath rann, ach le ìomhaighean ùra: na creagan mar bhalla is na sgòthan paisgte air a bhà rr. Tha an cunntas air fuaimean na mara aig an deireadh gu h-à raidh là idir.
