Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
An t-Eilean na Bhaile
- Ann an dòigh 's e baile a th' ann am Muile,
- ann am baile tha na treubhan measgte.
- 'S e baile th' ann le sluagh sgapte
- mar a tha an saoghal a' fàs gu bhith na bhaile,
- na seann luachan, treubh is cinneadh,
- a' seargadh ann an saoghal gnìomhachais, teicnigeach.
- Chunnaic mi dà chloich nan seasamh nan aonar –
- chaidh lèanag fhà gail dhaibh anns a' choille ghiuthais,
- clachan 's dòcha a thogadh nuair a bha a' ghealach naomh,
- iad nan seasamh mar dhà phrionnsa, no prionnsa 's a ghrà dh,
- nan clachan-cuimhne do shìol rìoghail.
- Treubh a chaidh à bith.
- Chunnaic mi clach eile – Dòmhnall Moireasdan, Àrd Tuna,
- ceithir fichead 's a còig deug, is inntinn geur mar sgithinn,
- là n de sheanchas is bà rdachd a threubha,
- colbh sgairteil de Chlann na h-Oidhche,
- agus timcheall air am baile a' fàs –
- baile nach tuig e - luachan do-ruigsinn dha ³¦³óè¾±±ô±ð.
- Tha am prionnsa na chloich anns a' choille,
- agus treubh ùr air a thighinn.
- Chan eil rìgh nam measg a dhearbhas a threòir.
- Is tuath iad le cridheachan pà ipeir;
- pà taranan faoine a' losgadh
- Cha dèan na mnathan gaoir tuilleadh, is an t-eilean na bhaile.
An t-Eilean na Bhaile
Seo an co-dhùnadh. Is e tiotal an dà in cuideachd. Tha an t-eilean, agus a h-uile rud airson an robh e a' seasamh, air atharrachadh gu tur na ghnè agus na dhòighean. Tha e a-nise mar bhaile.
Ciamar? Tha iomadh dualachas ann agus aig an aon à m, chan eil dualchas idir ann. Co-dhiù dualchas a tha dol a sheasamh fada. Tha rudan ùra, tana, uachdarach, gun chus brìgh a' gabhail à ite eachdraidh uasal à rsaidh a sheas linntean.
