Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Ã’ran do dh'Ameireaga
- Gu bheil mi am ònrachd sa choille ghruamaich,
- Mo smuaintean luaineach, cha tog mi fonn:
- Fhuair mi an t-à it' seo an aghaidh nà dair,
- Gun thrèig gach tà lant a bha nam cheann;
- Cha dèan mi òran a chur air dòigh ann,
- An uair nì mi tòiseachadh bidh mi trom;
- Chaill mi a' Ghà idhlig seach mar a b' à 'ist dhomh
- An uair a bha mi san dùthaich thall.
- Chan fhaigh mi m' inntinn leam ann an òrdugh,
- Ged bha mi eòlach air dèanamh rann;
- Is e mheudaich bròn dhomh 's a lùghdaich sòlas
- Gun duine còmhla rium a nì rium cainnt;
- Gach là is oidhche is gach car a nì mi,
- Gum bi mi cuimhneachadh anns gach à m
- An tìr a dh'fhà g mi tha an taic an t-sà ile,
- Ged tha mi 'n-drast' ann am brà ighe ghleann.
- Chan iongnadh dhòmhsa ged tha mi brònach,
- Is ann tha mo chòmhnaidh air cùl nam beann,
- Am meadhan fà saich air Abhainn Bhà rnaidh,
- Gun dad as fheà rr na buntà ta lom;
- Mun dèan mi à iteach 's mun tog mi bà rr ann
- Is a' choille ghà bhaidh chur às a bonn,
- Le neart mo ghà irdein gum bi mi sà raichte,
- Is treis' air fà ilinn mum fàs a' chlann.
- Is i seo an dùthaich sa bheil an cruadal
- Gun fhios don t-sluagh a tha tighinn a-nall;
- Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
- A rinn le an tuaraisgeul ar toirt ann!
- Ma nì iad buannachd, cha mhair i buan dhaibh;
- Cha dèan i suas iad, 's chan iongnadh leam,
- Is gach mallachd truaghain a bhios gan ruagadh
- Bhon chaidh am fuadach a chur fon ceann.
- Bidh gealladh là idir ga thoirt an trà th sin,
- Bidh cliù an à ite ga chur am meud;
- Bidh iad ag rà idhtinn gu bheil bhur cà irdean
- Gu sona sà idhbhir gun dad a dh'èis;
- Gach naidheachd mheallta ga toirt gur n-ionnsaigh-se
- Feuch an sanntaich sibh dol nan dèidh –
- Ma thig sibh sà bhailt', nuair chì sibh à dsan,
- Chan fheà rr na stà tachan na sibh fèin.
- An uair thèid na dròbhairean sin gur n-iarraidh,
- Is ann leis na breugan a nì iad feum,
- Gun fhacal fìrinne bhith ga innse,
- Is an cridh' a' dìteadh na their am beul;
- Ri cur am fiachaibh gu bheil san tìr seo
- Gach nì as prìseile tha fon ghrèin –
- An uair thig sibh innte, gur beag a chì sibh
- Ach coille dhìreach toirt dhibh an speur.
- An uair thig an geamhradh is à m na Dùbhlachd,
- Bidh sneachd a' dlùthadh ri cùl nan geug,
- Is gu domhainn dùmhail dol thar na glùine,
- Is ge math an triùbhsair, cha dèan i feum
- Gun stocainn dhùbailt sa mhocais chlùdaich
- Bhios air a dùnadh gu dlùth le èill:
- B' e am fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
- Mar chaidh a rùsgadh den bhrùid an-dè.
- An uair thig an samhradh 's am mìosa Cèitein,
- Bidh teas na grèine gam fhà gail fann;
- Gun cuir i spèirid sa h-uile creutair
- A bhios fo èislean air feadh nan toll;
- Na mathain bhèisteil, gun dèan iad èirigh
- Dhol feadh an treud, is gur mòr an call;
- Is a' chuileag ìneach gu socach puinnseanta
- Gam lot gu lìonmhor le rinn a lainn.
- Ge mòr an seanchas a bh' aca an Albainn,
- Tha a' chùis a' dearbhadh nach robh e fìor:
- Na dolair ghorma, chan fhaic mi falbh iad,
- Ged bha iad ainmeil a bhith san tìr;
- Ma nìtear bargain, chan fhaighear airgead,
- Ged 's èiginn ainmeachadh anns a' phrìs;
- Ma gheibhear cunnradh air feadh nam bùthan,
- Gam pà ighear null e le flùr no ìm.
- Chan fhaigh mi innse dhuibh ann am Ghà idhlig,
- Cha dèan mo nà dar a chur air dòigh,
- Gach fios a b' à ill leam thoirt do na cà irdean
- San tìr a dh' fhà g mi, rinn m' à rach òg;
- Gach aon e leughas e, tuigibh reusan,
- Is na tugaibh èisteachd do luchd a' bhòst,
- Na fà idhean brèige a bhios gur teumadh,
- Gun aca spèis dhibh ach dèidh bhur n-òir.
- Ged bhithinn dìcheallach ann an sgrìobhadh,
- Gun gabhainn mìosa ris agus còrr
- Mun cuirinn crìoch air na bheil air m' inntinn
- Is mun tugainn dhuibh e le cainnt mo bheòil;
- Tha mulad dìomhair an dèidh mo lìonadh,
- On is èiginn strìochdadh an seo rim bheò,
- Aig bheag thoil-inntinn sa choille chruinn seo,
- Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl.
- Cha b' e sin m' à bhaist an tùs mo là ithean,
- Is ann bhithinn rà bhartach aig gach bòrd,
- Gu cridheil sunndach an comann cùirteil
- A' ruith ar n-ùine gun chùram oirnn;
- An uair thug mi cùl ribh bha mi gur n-ionndrainn,
- Gun shil mo shùilean gu dlùth le deòir,
- Air moch Diardaoin a' dol seach an Caolas
- Is an long fo h-aodach 's a' ghaoth on chòrs'.
Ã’ran do dh'Ameireaga
A' tighinn faisg air deireadh an dà in, tha am bà rd a' daingneachadh na teachdaireachd aige agus a' toirt comhairle là idir do dhaoine gun a bhith air am mealladh.
